Leugh mi dhà phìos dheagh sgrìobhaidh roimhe bracaist.

Rinn mi liosta den leithid ‘bloglines’ ‘s mar sin bidh fios agam a h-uile turas a thèid rudeigin ùr a sgrìobhadh sa choimhearsnachd bhlogaichean Ghàidhlig. Uill abair sgriobhaidh sgoinneil ri fhaighinn an diugh. Tha DR a bruidhinn mu dheidhinn a ghruag "Na feise dhut gus am faigh thu cliop" agus tha Mona a-mach air cànain ‘s an toileachas ri fhaighinn asta: ‘agus bha clàs lithuanian agam...’
Tha mi an dòchas an liosta seo a dhèanamh fosgailte ach tha trioblaidean air an làrach ùd an diugh ‘s chan urrainn dhomh sin a chur air bhog an dràsta.
Mu dheireadh thall, rinn mi e, seo an liosta agam http://www.bloglines.com/public/Liosta

Freagairtean:2

Aig 18:05 thuirt Blogger Steaphan MacRisnidh...

Deagh obair a rinn thu Graisg! Tha ceist agam ort cia-tà. CIamar a chuireas tu dealbhan air do bhlog, mura h-eil compiùtar agad fhèin aig an taigh?

 
Aig 20:21 thuirt Blogger Graisg...

A Steafan,
Chuir mi post-dealain thugad le pìos ‘html’. Bha an uinneag ‘comments’ ga dhiùltadh.

Mhothaich mi nach do chuir mi do bhlog air ‘an liosta’, tha mi duilich nì mi sin.
Tìoraidh

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh