Dealbhan feasgar Dihaoine


Tha mi fhathast nam ghàirnealair nuair a nochdas cothrom dhomh agus seo àite far a bheil mi a’ dèanamh beagan obrach an-dràsta is a-rithist. Roimhe Nollaig chuir mi uabhas de tiuilipean san gàrradh seo ‘s anns an dealbh tha thu a’ faicinn chan eil ach pàirt den duais a tha nan cois. Chan eil ach ùine goirid aig na tiuilipean ach nach eil iad ga ghreimeachadh ann an dòigh làidir ‘s làn pròis? Tha gach tè aca na spreadh socair àlainn, a’ cur cuireadh dhuinn a dh’ fhuireach mionaid sònraichte leotha ‘s as an dèidh a bhith gan cuimhneachadh gus an till iad a-rithist.
Seo dealbh a thog mi anns mo ghàrradh fhèin. Chan eil an Currac Cuthaige cho rìoghail ris an tiuilip ach tha a mhaise ri fhaighinn ann an dòigh eile: nuair a tha e a’ tionndaidh lair na coille sheargach an aon dath ris na speuran. Thig am faileas seo mus toisich duilleagan nan craobh a’ toirt cus sgàil orra. Thàinig mo chàirdean seo dhachaigh leam nuair a bha mi ag obair aig a’ chaisteal Chaladair: bha iad a’ coimhead orra mar rudeigin borb nuair a nochd iad am measg na lusan foirmeil. Ach nach robh iad san àite sa chiad dol a-mach? Bh’ againn sgrios a’ dèanamh orra ach thog mi dhachaigh iad nan ceudan ‘s nuair a bha cus agam an seo, thug mi feadhainn siud ‘s an seo. Innis mi sgeul-rùin dhut, tha fhathast Gàidhlig aca – ma bhruidhneas tu dhaibh sa Ghàidhlig gheibh thu fiamh-ghàire anabarrach nach eil ri fhaighinn sa bheurla.

Freagairtean:1

Aig 15:34 thuirt Blogger mona...

Nach àlainn a tha na flùraichean sin! :)
Bidh mise a' bruidhinn ris na flùraichean agam anns a' ghàidhlig cuideachd. ach chan eil mi cinnteach a bheil iad gam thuigsinn ;)
mona

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh