Broccoli fo bhlàth

Thòisich mi a chur beagan a bharrachd bhuntàta ach chì thu lusan fo bhlàth air an làimh deas den dheilbh: ‘s e sin am broccoli (broccoli an earraich purpaidh). Mar a thuirt mi, tha a mhòr chuid bho bhlàth a-nis ach cha do thog mi e. Carson? Uill tha an t-uabhas de sheillean a’ tighinn a-steach a’ lorg poilean ‘s chan eil iad a’ dèanamh cron sam bith ‘s tha mi toilichte gam faicinn. Tha mo courgettes fhathast a’ feitheamh anns an taigh-ghlainne ud. Bidh e faisg air 0c a-nochd a rèir roimh-innse na sìde a chuala mi am feasgar seo ‘s chuir sin eagal orm, mar sin dheth fuirichidh na courgettes taobh a-staigh fhathast.
Chì thu Liath Chorcarach (Syringa Vulgaris) fo bhlàth os cionn an taigh-ghlainne. Tha am fàileadh aice a’ còrdadh rium gu mòr. Tha e nas fhuaire am mìos seo na bha e aig an aon àm an uiridh saoilidh mi.

Freagairtean:3

Aig 19:41 thuirt Blogger mona...

awww,an e sin an gàrradh agad? snog! bu toigh leam-sa gàrradh mar sin cuideachd...
tha e gu math fuar an-seo 'sna oidhchean fhathast cuideachd.

 
Aig 17:03 thuirt Blogger Cris...

Tha i glè thèth an-seo... Gad mi ionndrainn Alba.. tha i ceart?

Trying to read your blog. It's good, even not understanding aaall of it :D

 
Aig 19:13 thuirt Blogger Graisg...

Tha mi ag ionndrainn Alba

Gad? Gad ionndrainn (at your(singular) missing = missing you)
No ‘Ged’(although) an àite ‘Gad’
Although I’m missing Scotland

Anns an fhaclair Mark chì thu: ‘bha e ag ionndrainn beanntan mòra an Eilein Sgiathanach (he missed the great mountains of Skye)

Mar sin leat a Dhoineann chòir

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh