‘An leabhar as fhiach a leughadh’

‘An leabhar as fhiach a leughadh’
(Bha agam ri na leanas a sgrìobhadh mar measaidh aig an oilthigh ‘s chaidh e a cheartachadh.)

Mholainn gu dearbh Fo sgàil a’ Swastika, chaidh an leabhar seo a sgrìobhadh le Domhnull Iain MacDhomnaill mu dheidhinn nuair a bha e na phrìosanach aig àm an darna cogaidh. Sgrìobh Domhnull Iain aig toiseach an leabhair. ‘Do na gillean uile, mar theisteanas air misneach, fad-fhulangas is uaisle ri aodann geur-leanamhain.’ Uill, tha sinn fada nan comainn, tha sin gun teagamh, gun teagamh sam bith. Dh’ fhaoidte nach bitheamaid fiù s beò gun a h-uile càil a rinn iad air ar son. Shabaid iad airson saorsa – an saorsa a tha th’ againn an diugh – chan eil an saorsa sin coileanta ach cha bu toil leam a bhith feuchainn dòigh sam bith eile. A Dhomhnuill, thug thu dhuinn do chuid sgriobhaidh ach barrachd air sin rinn thu spàirn mhòr gus am bitheamaid beò ann an saoghal far a bheil sinn comasach a bhith ga leughadh (no sgriobhaidh no beachd sam bith eile) gun eagal idir.

Chaidh an leabhar seo a bhòtadh an leabhar as fheàrr a riamh a bha air a sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig leis an luchd-èisteachd aig Radio nan Gaidheal ‘s mar sin bhiodh e doirbh rudeigin a ràdh ma dheidhinn a bharrachd air a mholaidh ach math dh’ fhaoidte gum biodh e rud math mo fhaireachdainn a mhìneachadh nuair a leugh mi e.

Anns a bhad cuiridh Domhnull thu ann an St Valery en Caux air latha brèagha samhraidh ann an 1940 ‘s am measg blàr taobh a muigh a’ bhaile ud: blàr a bha gu math taobhail ris na Gearmailtich. Cha robh raidhfilean gu mòran feum an aghaidh nam Panzers ‘s thàinig iad thairis air achadh arbhar ‘s gheàrr iad sìos am bàrr ‘s na Gaidheil na chois. Chaidh am bàrr air a bhuaineadh tràth ‘s mòran den bhalaich cuideachd. Thàinig an t-ùghdar a mach à sin gu sàbhailte ach bha rudan fhathast gu math cunnartach gus an do ghèill iad.
Tha Domhnull na dhòigh sìmplidh cumhachdach a’ sealltainn dhuinn na briseadh dùil ‘s am fulangas a bha gam feitheamh air an rathad gu Òlaind ‘s na bàirdsean a bheireadh iad sìos an abhainn Rhine gu na campaichean anns a’ Ghearmailt. Bha am mèarrs ud dìreach uabhasach ‘s gun bhiadh no uisge gu leòr ‘s bha aca ri goid bho na bùthan sna bailtean air an t-slighe no fiù ‘s na lusan sna achaidhean faisg air làimh. Prìosanaich nam mìltean mar ìomhaigh a mach as a bhìobaill.
Bh’ aca a bhith obrachadh airson nan Nàsaich ‘s bha Domhnull ann an grunn àiteachean ‘s cha robh a h-uile rud sgrathail dha ach bha daonnan spiorad saorsa na chridhe ‘s bhris e a-mach trì tursan. Aon turas chaidh a ghlacadh leis a’ Ghestapo ‘s ma tha thu airson faighinn a-mach ciamar a bhitheas e a bhith fo smachd daoine a bhiodh deònach gad chuir as airson spors leugh an leabhar seo.
Chunnaic e an sgrios a bha tuiteam a-mach às na speuran air a’ phoblach shìobhaltachd nuair a thug na Gearmailtich orra beagan den taigh-spadaidh ud a chur air dòigh.

‘Cha toir faclan a mhàin gu siorruidh seachad dealbh cho-lionta air an t-sealladh ana-cneadsa bha romhainn an là ud. Piosan cheann is chasan is làmhan sgaoilte thall ‘s bhos.’

Thàinig an cogadh gu crìoch airson Domhnull ‘ann an dòigh a bha cho tàmailteach ‘s cunnartach bha e ann an St Valery ‘s chunnaic e an t-uabhas de thachartasan brònach gus an d’ràinig e dhachaigh.
Chuir an cogadh feallsanachd iongantach air Domhnull ‘s cha robh gràin sam bith air ‘s bha e dìreach taingeil airson a bhith beò ‘s air a bhith ionnsachadh bhon àm a bha e ann an sàs.
Ma leughas tu dad sam bith san t-samhradh seo leugh Fo sgàil a’ Swastika.

Tha e caran fadalach, tha fhios agam ach tha bhòt eile agad a Dhomhnull

Freagairtean:1

Aig 18:22 thuirt Blogger mona...

hmmm, bha dùil agam an leabhar seo a leughadh, ach cha d' fhuair mi e - cha tèid a phrinteadh fhathast, gu mì-fhortanach, agus cha robh e aca aig comhairle nan leabhraichean :-/

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh