Votez, Votez, La France!

Tha a h-uile coltais ann gum bi iad a’ bhòtadh ‘Non’ anns an Fhraing a-màireach agus bidh deagh rud dha-rìribh th’ ann an siud (‘s e mo bheachdsa co-dhiù). Chan eil dad ceàrr le ‘Margaidh-Coitchinn’ ach cha bu toil leam a bhith fo smachd ‘Iompaireachd Eòrpach’. Tha dòighean ‘s cothroman gu leòr againn a bhith ag obair le chèile san coimhearsnachd na h-Eòrpa gun a bhith dol sìos an rathaid sin. Chan eil earbsa idir san leithid Mandelson ‘s na ceannàirdean eile ‘s an t-acras orra a bhith buileach os ar cionn. Chan eil ach nuadh Napoleans ‘mas fhìor’ a th’ annta! Tha iad cugallach cunnartach.
Citoyens votez Non!

Freagairtean:2

Aig 18:58 thuirt Blogger Cadalach...

Am faca tu "The Economist" an dràsda?

 
Aig 10:32 thuirt Blogger Graisg...

Leugh mi an-dè e ann an WH Smith ann an Obar Dheadhain. Saoilidh mi gu bheil mise ‘s an ‘Economist’ air an aon ràmh ged nach eil mi a’ tuigsinn eaconamais idir, idir. Tha iad a’ cumail a-mach gur e rud math a th’ ann an eugsamhlachd ‘s ma bhios sinn ag obair le chèile bidh sin an neart as làidire a th’ againn. Tha e gu dearbh caran neònach a bhith sùileachadh a h-uile cultair anns an Roinn Eòrpa a bhith buileach fo an aon smachd. Tha aig an luchd-poileataics a h-uile càil a dh’ath-dhreachdadh a nis ach chan eil mi dòchasach gum faigh iad a-mach beagan irioslachd bhon ghnothaich.

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh