An robh thu ann an Allt Eirnn* Disathairne seo chaidh?

Am faca tu iad?
*Auldearn mar a chanas iad sa Bheurla.
Uill rinn iad sàr obair a’ sgaoileadh fiosrachadh mu dheidhinn Gàidhlig san sgìre seo ‘s a’ bruidhinn ris na fileantaich ‘s na luchd-ionnsachaidh a bha an làthair aig Fèis an Naoimh Colms. Tha Aonghas MacLeòid à Borgh san t-Eilean Sgitheanach ‘s tha mi duilich, duilich, dhìochuimnich mi an t-ainm a th’air an tè san dealbh ach bha fìor dheagh Ghàidhlig aice cuideachd. Ma tha fios agad cò i chuir fios thugam air cùl phost-dhealain. Tha Aonghas na Oifigear pàirt-ùine airson obair co-òrdanachaidh le Plana Cànan is Cultar Sgìre Inbhir Nis agus Inbhir Narainn ‘s chì sinn gu tric e san àm ri teachd.

Bha deagh aimsir ann ‘s bha fiù’ s blàr ri fhaicinn, uill ‘s e ath-chruthachadh a bh’ ann a dh’ innse na fìrinn. Bha rudeigin aig An Greumach Mòr an turas seo nach robh aige san chiad dol a-mach: maicreafòn. Bha am Probhaist againn gu math an sas a’ phròiseact cuideachd, thug e ionnsaigh mhòr, mhòr, air na-isbeanan.

Freagairtean:1

Aig 08:19 thuirt Blogger mona...

Ooops! Nach inntinneach a tha sin! Bha mi a' smaoineachadh, hmmmm... tha mi eòlach air an duine anns an dealbh seo. Bha Aonghas anns a' Ghearmailt còmhla ri "Mill a h-uile rud" nuair a bha iad air turas an-seo, agus bha oidhche uabhasach snog agus inntinneach againn! :)

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh