Tobar loch na spioraid


O cionn greis tha mi air a bhith feuchainn ri faighinn a-mach cò a chuir ann soidhne san àite ud (sràid na muilne) faisg air na h-aibhne. Chan eil mi air a bhith soirbheachail idir, idir. . Dè an spioraid? An e droch no deagh spioraid a th’ ann, fiù ‘s an Tighearna e-fhèin no a bheil e a’ buntainn bho àm fada nas tràithe ‘s a bheil sinn a’ faicinn chan eil ach criomag den bheul-aithris den sgìre seo: criomag a tha coisrigte don àm a’ dh’ fhalbh ‘s don àm a thigeadh a dh’ aindeoin ar h-aineolas?


Math dh’ fhaoidte gheibh mi a-mach beagan a bharrachd mu a dheidhinn ach meall do naidheachd don duine a chuir an soidhne air bhog. B ‘ e sàr obair a rinn thu ‘s dh’ fhàg thu teachdaireachd shònraichte dhuinn.