Thuirt Aonghas MacLeòid

Fhuair mi post-dealain bho Aonghas MacLeòid ‘s thuirt e:
‘Madainn mhath agus guten morgen Frau Mona agus mutti Svea, 's e Màiri Imlach an t-ainm a th'air
an tè ri mo thaobh agus tha i ag obair mar 'oifigear leasachaidh òigridh' airson na sgìre.
Am faca sibh an làrach lìn aig a bhuidheann òigridh 'Sradagan'? -
www.sradagan.org'’

Tha Aonghas mothachail gu bheil Mona a’ toirt sùil an seo o àm gu àm ach tha blog aice fhèin cuideachd Aonghais. Gheibh thu ann an seo. Uill abair la fliuch a’ th’ againn a rithist. Sin agad e bhuamsa an diugh, Tìoraidh an dràsta.