Bha Roddy a-mach air na Rodaideandranan
Fhuair mi cothrom eile a bhith bruidhinn Gàidhlig air an t-sràid mhòir an diugh, air mo rathaid dhachaigh bhon bhùth na pàipeirean thachair mi air Roddy. O cionn mòran bhliadhna bha Roddy a’ ruith an roinn coilltearachd aig Caisteal Chaladair agus ‘s e neach ionnsachaidh eile a th’ann. Abair deagh Ghàidhlig aige cuideachd.
Bha sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn a’ Chaisteal ‘s na gàrraidhean ‘s gu h-àraidh an t-àite ris an canar ‘Auchandoune’. Chan eil e fada bhon a’ chaisteal, ‘s chì thu e mu trì mile gu taobh a tuath den chaisteal fhèin. Tha garadh eile aig Auchandoune ‘s mòran rodaideandranan sònraichte an luib; rodaideandranan a bhuineas bhon Tsampo Gorge ann an Bhutan. Uill leis an teas a bh’ againn aig toiseach as t-earrach seo chaidh iad gu làn bhlàth gu math luath ‘s chaidh na sìthein a milleadh leis an reothadh a thàinig gu fadalach orra ‘s mòran lusan eile.
Thuirt mise gum faca mi an aon rud nuair a bha mi ag obair san àite o chionn còig bliadhnaichean ‘s bha mi làidir den bheachd gur e blàthachadh cruinne às coireach.
‘S’ dòcha,’ thuirt Roddy. ‘Ach nuair a bha mi òg, aon bliadhna chaidh a h-uile càil a reothadh gu trom san Òg-mhios ‘s bha fiù ‘s na h-iubhairan gan dubhadh leis.’

Freagairtean:0
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh