Rinn mi sgrìob air an t-Slighe Phennine
Tha mi dhachaigh a nis agus chunnaic mi mòran air an 256 astar mìltean a rinn mi. Thog mi dealbhan gu leòr ‘s thachair mi air an t-uabhas de dhaoine snog eadar Edale (eadar Sheffield ‘s Manchester) ‘s Kirk Yetholm ann an Alba. Sgrìobh mi notaichean air na tachartasan ‘s mo smaointinn air an t-slighe ‘s bidh mi ag obair orra nuair a nochdas cothrom dhomh. Tha mi air chaill faisg air 6 kilos ‘s mar sin tha coltas beagan diofraichte orm an diugh s tha builgean air leth math air mo chas chlì mar fhianais den thuras.
Seo beinn a chur iongantas orm, bha agam ri a streap. Tha i anns an t-siorrachd York ach tha i a’ dol ris an canar ‘Pen y Ghent’!
Seo beinn a chur iongantas orm, bha agam ri a streap. Tha i anns an t-siorrachd York ach tha i a’ dol ris an canar ‘Pen y Ghent’!
Nuair a bha mi faisg air a mullach ‘s le sgòthan air leth dorcha, bha eagal orm gum biodh tàirneanach ‘s dealanach ann. Chuala mi fuaim uabhasach ach tha tàinig an dealanach, cha robh e ach spreadh anns a chuaraidh air taobh thall a’ ghleann.
Freagairtean:4
An e ainm sa Chuimris a th'air a'bheinn sin?
'S àite neònach a th'anns an t-Siorrachd Iorc gu dearbh... ;-)
‘S e gu dearbh Cuimris a th’ innte no rudeigin gu math faisg oirre. A rèir rannsachadh a rinn mi air loidhne tha an t-ainm a’ buntainn bho linne nuair a bha a’ chànan ud na bu làidire sa Shasainn agus a rèir coltais chan eil e neo-àbhaisteach a bhith faighinn ‘Pen’ sna h-ainmeannan eile, a leithid ‘Penshaw Hill’ faisg air Sunderland ‘s ‘Pendle Hill’ ann an Lancashire.
seadh, bha cànan cairdeach ri cuimris air a bruidhinn anns an sgìre sin.
dealbhan àlainn, a ghraisg!
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh