Am bothan caillte de Inbhir Narann

Bha mi a leigeil mo thaic dhan bhanacharaid agam, bha a bothan falaichte air a’ chinne daonna o chionn fada’ is bha a’ chùis uabhas seo a’ tòiseachadh a ruith air an taigh aice ‘s nas miosa buileach, taigh a nàbaidh: bha am baile gu lèir ann an cunnart a-nis ‘s cuir i roimhpe gur e làn thìde rudeigin a dhèanamh ‘s chuir i fòn thugam.
Rinn mi mo dhìcheall ‘s gheàrr mi a h-uile càil bho a thaobhan ‘s cha robh e fada gus an robh dùn mòr de sgudal taobh thall a ghàrradh. Nuair a thoisich mi air a mhullach thuig mi gun robh e ann an fìor droch stad: bha e tioram taobh a-staigh ach an aon adhbhar airson sin: am tomad den stuth a bha air fàs os chionn a’ bhothan. Bha an cinneas air obair mar thugadh troimh na bliadhnaichean. Nan robh mi a bhith ga thogail cha bhiodh mullach idir. Tha co-dhùnadh a bhith dèanamh a-nis? A’ cumail a’ dol leis a’ bhothan mar a tha e sa dhealbh no a thogail fear ùr. Cha bhi a mhullach beò a-nis ach bith e feumail airson na h-eòin ‘s tha cothrom rudeigin eile a chuir an àite Eidheann ‘s Fìon-Chrann Ruiseanach. Bhiodh ròsan-streap no lus an meala freagarrach an seo. Uill sin mar a tha e an-dràsta ach feumaidh mi aideachadh gu bheil eagal orm gum bi Dualchas Nàdair na h-Alba a dhèanamh casaid rium ‘s bheir iad mi gu lagha airson an sgrios a rinn mi dhan àrainneachd.
Freagairtean:0
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh