Inbhir Narann 3 Fàrfar 4
Cha robh ach geama càirdeil a bh’ ann ach chluich Inbhir Narann gu math an aghaidh an sgioba bhon dàrna rang Lìog na h-Alba. Bha Fàrfar gu math fortanach leis an toradh a fhuair iad oir cha robh coltas sgioba proifeiseanta orra. O àm gu àm rinn Inbir Narann ionnsaighean gu math teicnigeach ‘s sgileil ‘s chuir iad an luchd-leantainn aca ann an deagh shunnd.
Bha sàr chluicheadair ùr againn ‘s tha e a’ dol ris an canar Tony Low. B’abhaist dha a bhith cluich airson Clachnacuddin ‘s roimhe sin bha e le Caley aig an ìre phroifeiseanta. Thug e buaidh mhòr air na ceithir fichead ‘s a deich mionaidean ‘s an companaich. Bha Jim Calder na fear-gleidhidh Inbhir Narann san leth mu dheireadh: bha esan pàirt den sgioba Caley a chaidh sìos dhan Celtic Park nuair a rinn iad a’ chùis air an sgioba ainmeil ach gu mi-fhortanach bha am bàl a dol seachad air an diugh.
Cha bhi e fada gus am bi sinn a’ dol suas dhan Station Park a h-uile Disathairne ‘s nach biodh sinn buidhe nan robh am ball-coise cho tlachdmhor ‘s a bha e an diugh ‘s an aimsir cho grianach cuideachd.
Chaidh seada nam paidhichean a dhùnadh sìos ach na bhith dragh ort tha Ashers a-nis a’ reic na paidhichean ‘s cèicean ‘s a h-uile goireas blasda eile bhon bhana spaideil ùr.

Freagairtean:1
Obh, obh. Cha b'e ach Fàrfar! ;-)
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh