Sequoia ann an cunnart

Tha an Sequoia 25m de dh’ àirde ‘s tha i àlainn fhèin, dìreach àlainn fhèin.
Chuir am buidheann ‘ Nairn Wetlands and Woodlands Society’ gearain an aghaidh a’ mholaidh a-steach ‘s sgrìobh mise fear eile ‘s tha fhios agam gu bheil feadhainn eile a tha gan beachdachadh mu a dheidhinn.
Is ann do a’ thaobh an iar-tuath na Stàitean a bhuineas na Sequoias ‘s a-rèir coltais gur e, taobh a-muigh an sgìre ud, a th’ ann an Alba a gheibh thu an àrainneachd as freagarraiche dhaibh. Mar sin tha a‘ chraobh seo comasach a dh’ fhàs fada nas àirde na 25m. Dè cho àrd? Uill cha bhi daoine sam bi ga faighinn a-mach ma ghearras iad i.
Thuirt mi ‘cò aig a tha fios dè thachras a-nis’ uill ag innse na fìrinn bidh sinn a-rèir an co-dhùnadh a bhios tighinn a-mach bhon comataidh dealbhaidh Inbhir Narainn ‘s dè cho làidir a bhios an com-pàirteachadh poblach.
Tha aon den luchd-gearain a’ cumail a-mach gur e ‘a-rèir clàradh craoibh na Rìoghach Aonaichte’(Tree register of the British Isles), cha robh a riamh craobh dhen ghnè seo air a ghearradh sìos airson àite-togalaich a chur air dòigh.’
Mura chuireas sinn stad air a’ ghnothaich bidh Inbhir Narann gu math mi-chliùiteach air a son: gu math mi-chliùiteach gu bràth siorraidh.
Freagairtean:1
A Ghraisg,
Cha robh fhios agam gu robh a leithid sequoia ann an Alba. 'S toigh leam sequoias gu mòr. Tha iad a'fàs ann an California. Bha mi eolach orra on a bha mi òg 's a'fuireach ann an California.
Beagan bliadhnaichean air ais, chaidh sinn ann 's thog sinn dealbhan dhinn-fhèin nar seasamh ri taobh na craobhan mòr mòr a tha iad.
Bu còrr dhomh na dealbhan a lorg 's fear neo dhà a cuir air loinn.
Chuck
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh