Latha-luain beò

Tha fòirneart, bas, truailleachd agus mòran eile ri fhaighinn faisg air làimh fad an latha (24/7 mar a chanas iad). Tha sinn a’ faicinn daoine gun bhiadh, gun uisge, gun urram. Tha an aisling Ameireaganach tuiteam às a cèile fo ar sùilean.
Nach do thug blàthachadh-cruinne buaidh air a’ ghnothaich? An e ach cumadair a th’ann an New Orleans airson a’ fhìor phrìs a th’ againn ri phàigheadh airson ola ‘s na càraichean spaideil againn? Thoir sùil gheàrr air New Orleans. Cò aig a tha fios cuin a nochdas an cunntas air an t-stairsnich fhèin?

Freagairtean:1
mu 10 bliadhna air ais leugh mi rudeigin ann an iris-eòlais mu dheidhinn àitean 'san t-saoghal a tha ann an cunnart mhòr bhon chuan ("atlantis an-diugh" no rudeigin mar sin), o chionn 's gu bheil iad cho ìosal, agus b' e new orleans aon dhiubh. chan eil mi a' tuigsinn sin idir. ma bha an t-eòlas aig na daoine mu 10 bliadhna air ais, carson nach deach le dùthaich cho beartach rudan a dhèanamh nas sàbhailte, MUS do thachair rudeigin?
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh