A’ chiad soirbheachadh aig Iomairt Goc ll

Tha mise caran coma mu dheidhinn na GOC’s ach tha feadhainn eile ga dheasbaid gu feargach. Tha mi dìreach taingeil gu bheil Gàidhlig fhathast beò ‘s tha cothroman fhathast a bhith ga bruidhinn. Feumaidh mi a ràdh cuideachd, gu bheil dhomhsa, chan eil pìosan dhen litreachadh Gàidhlig a dhèanamh mòran ciall Goc’s ann no às. Bidh mi a’ cumail orm ga sgrìobhadh ge-tà (no feuchainn ri sin a dhèanamh), cho fad’s a bhios mi beò.
Thachair smuain caran gòrach orm an-dè. Shaoil gur robh e seachd uairean sa mhadainn ann am Paris ‘s bha na Frangaich uile air dùsgadh. Le uabhas orra gu bhith faighinn a-mach nach robh ach an ‘è’ ann a-nis. Bha an samhradh aca air tionndaidh gu l’ètè.
Tha mise làn den bheachd gum biodh an Académie Français shìos an rathadh airson rendez-vous le Madame Nic Ghuillotine cho fad’s a ghabhas. Gabh mo leisgeil, chan eil mòran ciall ri fhaighinn air a’ bhlog seo o àm gu àm.
Freagairtean:5
Tha mi ag aontachadh leat, a Ghraisg. Chan e an GOC ach a' Ghàidhlig i-fhéin a tha cudthromach. Mur am bi sinn ga cleachdadh (GOC ann no às), 's e àite nas ùdlaidh' a bhios san t-Saoghal.
's toil leam dealbhan agad... oir tha iad a bruidhinn iad fhin gun dheanamh oilbheum do duine. Tapadh leat.
:))))
Sorry to lower the tone, but what's going on in this picture? Is it a demo or a riot?
Hi Rhys Pw wyt ti?
A wee bit of a p****-take at the expense of GOCII (Gaelic orthographic conventions.)
‘They got a report of teenagers reading unauthorised Gàidhlig in Broadford and acted swiftly.’ I go on to say that although the GOC’s are controversial I’m just glad that people are still using Gàidhlig, be it authorised under the new rules or otherwise.
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh