Àm nam bogha-froise

Chì thu boghannan-froise gu pailt aig an àm seo den bhliadhna ann an Inbhir Narann. Sin fear a chunnaic mi os cionn an taigh agam an t-seachdain seo chaidh. Chan eil sin ri ràdh gu bheil an t-uisge a’ dòrtadh fad na h-ùine ge-tà. Tha sinn air beagan uisge faicinn aig cha tug e buaidh sam bith air an talamh. Tha a h-uile càil gu math tioram. B’ àbhaist den chomhairle a bhith a’ cur uisge air basgaidean flùraichean a bha leth àlainn sa mheadhan a’ bhaile. Sguir iad dheth Dihaoine seo chaidh ‘s a-nis tha iad uile a’ bàsachadh leis a’ phathadh. Tha e sgrìosail fhèin ma th’ agad a coiseachd seachad orra, abair sealladh tàmailteach! Tha na feasgaran dorcha cruaidh gu leòr a bhith fulang gun a bhith coimhead air a leithid sin.
Ach feumaidh mi a ràdh gu bheil dathan an fhoghair againn ‘s fhathast beagan grèine ‘s teas an cois. Agus a dh’ aindeoin a’ chomhairle, tha fhathast flùraichean ri fhaicinn ‘s nuair a tha iad measgaichte leis na atharraichean sna craobhan tha coltais sònraichte draoidheil air a’ bhaile. Nì mi mo dhìcheall a bhith a-muigh na mheasg aig an deireadh sheachdain seo.

Freagairtean:3

Aig 20:06 thuirt Blogger Jessica...

This comment has been removed by a blog administrator.

 
Aig 20:08 thuirt Blogger Jessica...

Oh, 's fìor thoil leam boghachan-froise. Chan eil fhios agam cia mheud bogha-froise a chunnaic mi anns an dà sheachdain ann an Alba. 'S i dùthaich nam boghachan-froise a th' ann an Alba, nach e?

 
Aig 20:04 thuirt Blogger Gath Clag...

Abair dealbh

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh