Tha piobaran a’ fàs dearg

Uill thog sinn na currain ‘s bha a mhòr chuid ceart gu leòr ach gu mi-fhortanach fhuair cuileag a’ churrain a-staigh feadhainn dhiubh. Tha fhathast na currain geala againn ri thogail (no ‘meacanan-an-righ’ mar a chanas iad). San taigh uaine tha grunn fìon-dhearcan a’ tionndaidh. Tha iad anmoch gu dearbh, that fhios agam, ach tha iad a’ toirt toil-inntinn gu mòr dhuinn san dol seachad. Tha piobaran a’ fàs dearg faisg air làimh cuideachd, mar sin chan eil a h-uile càil seachad fhathast. Ged’ s a tha e sa mheadhan den Dàmhair chan eil e fhathast ma bu chòir ‘s chan eil na dealanan-dè a’ gabhail dragh nas mò. Chan eil nàdar a ruith mar bu chòir ach tha sinn a’ gabhail brath air. Tha na eòlaichean a’ gealltainn droch gheamhraidh dhuinn ‘s chaidh sinn a-mach an-diugh airson stòras mòr dhen ghrèine a chur nar cuimhne.

Freagairtean:3

Aig 02:06 thuirt Blogger Helena Gowan...

tha an curranan a còrdadh ris each agam :D

 
Aig 18:59 thuirt Blogger Steaphan MacRisnidh...

Ciamar a tha dol dhuit Des? Bidh mi ag ionnsachadh curranan ris na h-oileanaich oga agam an seo an Iapan, ach gu mi-fhortanach, 's ann sa chanan eile againn a tha sin!

 
Aig 20:58 thuirt Blogger Graisg...

Tha mi ann an deagh shunnd ‘ille, air ais ‘s air adhart gu Obair Dheathain a’ faighinn sàr-fhoghlam o na Leòdhasaich a-rithist. Chan eil dad eil ri dhèanamh, ghabh a’ Ghàidhlig fìor ghreim orm mar a tha fhios agad. . Gabh air do shocair air na glasraich. An robh sin an rabhadh (dealbh air do bhlog) a thàinig leis na curranan? Sgrìobh thugainn gu tric ‘ille, tha na blogairean gad ionndrainn.

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh