Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Inbhir Narann

Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Inbhir Narann
Sgrìobh Ruairidh MacIlleathain na leanas san Inverness Courier an t-seachdain seo:
'AM PEURSA
CO na naimhdean as mo a th' againn ann an saoghal na Gaidhlig?
Chanainn gur iad na daoine ann an suidheachaidhean poblach, moran dhiubh air a' Ghaidhealtachd, a chanas, "Chan eil mi an aghaidh na Gaidhlig, ach . . ." No "Bha Gaidhlig aig mo sheanmhair agus tha mi taiceil dhi, ach . . ."
Nan robh Mac Mhaighstir Alasdair beo an-diugh, 's docha gun sgriobhadh e mu "Mirun mor sliochd nan Gaidheal" seach "Mi-run mor nan Gall". Mura heil sibh dhen aon bheachd, cuiribh a' cheist seo oirbh fhein.
Caite an robh e na b' fhasa foghlam Gaidhlig a steidheachadh ann an sgoil - Glaschu no Inbhir Narann?
A reir comhairliche a Inbhir Narann, a' bruidhinn ann an seomar Chomhairle na Gaidhealtachd an tseachdain sa chaidh, is e seo "an t-am cearr gu poilitigeach" airson aontachadh ri iarrtas bho pharantan airson aonad bun-sgoile ann an Inbhir Narann far am faigheadh clann foghlam tro mheadhan na Gaidhlig.
Cuine a bha e ceart gu poilitigeach - ann an 1826 nuair a bha Gaidhlig aig 62% dhen tsluagh ann an Siorrachd Narann? No ann an 1872 nuair a chaidh foghlam Beurla a sparradh air a h-uile mac mathar? No ann an 2005, direach as deidh steidheachadh Achd na Gaidhlig. . . ?
Agus co an comhairliche a tha seo?
'S e Iain MacMhathain a th' air. Tha e na chathraiche air Comataidh Ionmhas na Comhairle agus tha an teagal air mun airgead a bhiodh air a chosg air an aonad. Ach feumar cuimhneachadh gum faigheadh a' Chomhairle 75% dheth bho Riaghaltas na h-Alba agus gu feum sgoilearan a bhith air an teagasg, co-dhiu tha sin ann am Beurla no Gaidhlig. A bharrachd air sin, seo na h-adhbharan a thug e airson dhol an aghaidh a leithid, mar a chaidh aithris ann am paipearnaidheachd (chuir mise a' Ghaidhlig air): "Tha mise cho daingeann mu ghleidheadh canan is cultar na Gaidhlig ri duine sam bith eile agus bhuineadh mo chuideachd do linntean de dhualchas Gaidhlig.
Bha mathair Shomhairle MhicGill-Eain cairdeach dhomh, mar a tha Karen NicMhathain a Capercaillie. Ach . . . cha choilion poileasaidh Chomhairle na Gaidhealtachd na tha a dhith. Tha buaidh gle bheag aig foghlam tro mheadhan na Gaidhlig sa bhun-sgoil [air a' chanan], agus cha gabh canan gleidheadh mura h-e canan na dachaigh is na coimhearsnachd a th' innte, agus chan eil coimhearsnachd ann."
Tha sin air fearg a chur air na parantan a tha ag iarraidh aonad bun-sgoile ann an Inbhir Narann. Tha iad a' feuchainn ri coimhearsnachd a neartachadh is aththogail (is de rinn Iain MacMhathain airson sin? ), agus bhiodh an sgoil aig cridhe an leasachaidh sin. Agus tha Mgr MacMhathain ag radh, leis nach e foghlam tro mheadhan na Gaidhlig am fuasgladh gu leir do chrionadh a' chanain, nach bu choir dhaibh dad a dheanamh.
B' fhearr leam nach bodraigeadh daoine mar sin le bhith ag innse dhuinn cho taiceil 's a tha iad don Ghaidhlig. B' fhearr leam gun canadh iad, "Tha mi coma mun Ghaidhlig. Leig leatha basachadh." Bhiodh sin na b' onaraiche.
Bhiodh e nar nan diultadh a' Chomhairle an t-iarrtas seo bho pharantan ann am baile cho mor ri Inbhir Narann. Bhiodh co-dhiu 23 sgoilear anns an aonad taobh a-staigh ceithir bliadhna - agus 's e sin direach an t-iarrtas a th' ann an-drasta, agus an t-aonad gun fhosgladh fhathast. Fo Achd na Gaidhlig, ma dhiultas a' Chomhairle an t-iarrtas, bidh cothrom aig daoine an toirt gu cuirt - ach co tha ag iarraidh sin?'
Sin thu fhèin Rhuairidh, tha mi ag aontachadh leis a h-uile facal!
Chuir mi blog eile air dòigh dìreach airson a bhith clàradh a h-uile càil a tha a’ tachairt ceangailte ris a’ chuspair seo :Fòram Gàidhlig Inbhir Narann

Freagairtean:2

Aig 10:45 thuirt Blogger Steaphan MacRisnidh...

Gus an tig an latha, Des...gus an tig an latha! Chan eil fhios dé a bheir an latha no oidhche mun cuairt. Ach tha mi eolach air an seorsa duine ud, cha togadh e air gu Latha Luan mura tog daoine na aghaidh!

 
Aig 21:15 thuirt Blogger Graisg...

A Stefan chòir, cùm do sùil air a’ bhaile againn.. Cùm do sùil air na tachartasan. Tha cruaidh fheum air na pàrantan air do thaic agus taic bhon a h-uile mac mhàthair aig a bheil Gàidhlig no a tha taiceil dhi.

‘ Nuair a thig Rocabarra ris
Is dual gun tèid Comhairliche Iain MacMhathain gu Gàidhlig gun sgrios.’

Suas leis a’ Ghàidhlig a chàirdean!

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh