Feallsanachd domhainn

Chunnaic mi program air telebhisean a-raoir ris an canar ‘Dà Shealladh’, agus bha feallsanachd domhainn ri fhaighinn nuair a bha bodach a-mach air a’ chuspair sin…

‘far a bha na daoine fad na b’ fhaisge air obair an cruithneachd na tha sinn. Agus còmhla ri sin bha iad a’ gabhail an t-sìde. Chan eil a dhith oirnn ach gun falbh aig astar. Cha deach e mura bi sibh a’ bruthadh air phutain airson rud sam bith fhaicinn no chluinntinn. Am putain a bha iad a’ bruthadh, ‘s e an cruthachadh nàdair a bha timcheall air an saoghal às an robh iad.

Freagairtean:3

Aig 09:50 thuirt Blogger mona...

oh ceart... ach a bheil thu dhen bheachd gu bheil sin gu tùr air chall againne an-diugh?

 
Aig 19:26 thuirt Blogger Graisg...

Chan eil Mhona, ach tha sinn h-uile air ar beò ghlacadh le rudan a tha a’ toirt cron air nàdar ann an dòigh no choireigin agus tha againn a bhith briseadh a-mach ga lorg saoilidh mi. ‘S e sin aon dè na h-adhbharan a thog mi mo chuid Gàidhlig orm: tha i gu dearbh pàirt den t-saoghal a th’againn an diugh ach tha i fhathast nas fhaisge air nàdar agus tha rudeigin na broinn a tha cho feumail dhomh, tha e doirbh a bhith lorg na faclan…ann an cànan sam bith…

 
Aig 19:37 thuirt Blogger mona...

tha mi a' tuigsinn dè tha thu a' ciallachadh, tha mi a' smaoineachadh... :)

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh