Chan eil dad ceàrr le Mandarin ach…

An t-seachdain seo chaidh sa Ghaidhealtachd thàinig Comhairliche Donnchadh Allan a-mach leis a’ bheachd aige gum bu chòir na sgoiltean sguir den teagaisg Gàidhlig agus a bhith teagaisg Mandarin na h-àite. Tha e den bheachd gum bi Mandarin a’ chànan as cudromach san àm ri teachd.
Chan eil Mgr Allan na aonar gu mi-fhortanach. Leugh mi Blog an-raoir a tha dà-chànanach, Brezhoneg agus Fraingis, far a bheil an sgrìobhadair a-mach air àite anns a’ Bhreatainn bhig far a bheil an t-àrd-sgoil a-nis teagaisg Mandarin an àite Brezhoneg. Thuirt am blogadair:

‘Chan eil mi airson a chur sìos air an iomairt airson Mandarin a theagaisg. ‘S e cothrom culturach agus cànanach a th’ ann an sin: an dragh dhomhsa ge-tà gur e seòrsa dearbhadh air seòrsa dhùnadh cultarach air thusa-fhèin agus an àrainneachd mu thimcheall ort, dhùnadh a tha airidh air mion-sgrùdadh ach chan eil lighiche-inntinn a th’ annam.’

‘S e deagh bheachd a th’ ann an sin. Carson nach teagaisg beagan Mandarin anns a Bhreatainn bhig no sa Ghaidhealtachd ach chan eil na adhbhar airson a bhith tilgeil cultair na Gaidhealtachd dhan t-sitig. ‘Carson a tha sinn a’ caitheamh a leithid airgid air teagaisg Gàidhlig’, dh’ fhaighneachd Mgr Allan. Uill Mgr Allan, chan eil prothaid ri dhèanamh às a’ Ghàidhlig, prothaid ann an airgead, seadh tha thu ceart, ach tha toradh eile tighinn às, toradh a bhios seachad air do thuigsinn saoilidh mi.
Uill am bu chòir dhuinn a bhith leantainn a fheallsanachd carson nach cuir sin às a h-uile càil nach dèan airgead dhan coimhearsnachd? Abair àite àlainn a bhiodh againn nan robh sinn cho dàna!

Freagairtean:5

Aig 09:23 thuirt Blogger mona...

tha mi gun fhacal a ràdh. leis an fhìrinn innse, bha mi dhen bheachd gur e seòrsa fealla-dha a bh' ann (an rud a thuirt an comhairliche), mar aoir.

tha e cudthromach gu leòr cànanan cèin a bhrosnachadh, tha mise a' smaoineachadh gu bheil e glè mhath do chlann agus deugairean cuid chànanan ionnsachadh - ach 's e cànan(an) na dùthcha agus an teaghlaich fhèin as cudthromaiche!
mura bheil freumhaichean aig daoine anns a' chultar aca fhèin, chan urrainn dhaibh fàs agus meas ri culturan eile a leasachadh.

 
Aig 16:50 thuirt Blogger Flùr...

Teagaisg Mandarin an àite Gàidhlig???!! Teagaisg Mandarin an àite Brezhoneg????!! Tha sin neònach... Agus chan eil sin math idir. Tha thu ceart a Mhona, 's e cànan na dùthcha fhèin as cudthromaiche.

Agus a Ghraisg, mar a thuirt thu anns a'bhlog agad fhèin, - Gàidhlig: cha bhiomaid às a h-aonais...

 
Aig 07:45 thuirt Blogger Steaphan MacRisnidh...

Tha iad a` teagasg Mandarin an àite Brezhoneg no còmhla rithe? Ma `s ann air sàilleabh am mì-rùn a th` aig na h-ùghdarrasan air a` Ghàidhlig agus air Brezhoneg a bhios iad a` toirt a-staigh Mandarin, cha seas e idir anns na bliadhnaichean a tha romhainn.

 
Aig 10:10 thuirt Blogger Graisg...

'Tha iad a` teagasg Mandarin an àite Brezhoneg no còmhla rithe?' Dìreach ann an aon àite Steafan, tha e a' dol ris an canar Pontivy.
'Et là, Pontivy est à la pointe de la modernité puisqu’on y étudie le chinois dans un lycée juste après y avoir laissé tomber le breton.'
Thuirt am blogaidear ud.
Chuir na h-ughdarasan às Brezhoneg agus chuir iad Mandarin na h-àite. 'S e sin an rud nach eil ri thuigsinn nach e?
Agus dè cho fada 's a bhios Mandarin cudromach? Tha fhios agam, dìreach airson cho fada’ s a bhios an eaconamaidh ag obrachadh, cho fada’ s a bhios iad a’ dhèanamh sgrios air an àrainneachd airson airgid faighinn às, cho fada’ s agus a bhios iad a’ dèanamh an t-aon seòrsa mhearachdan a rinn sinn. As dèidh sin bidh aig na cloinne cànain eile ri h-ionnsachadh an àite Gàidhlig– cànain sam bith far a bheil airgead ri fhaighinn.

 
Aig 07:08 thuirt Blogger Steaphan MacRisnidh...

Aidh, sin cnag na cùise, a Ghraisg...mar a thuirt thu, airgead. Ach, airgead airson cò? `S cinnteach nach faigh muinntir na Breatainn Bige mòran dheth, agus air a` cheann thall, co mheud neach a gheibh an cothrom Mandarin a chleachdadh gu làitheil anns a` Bhreatainn Bhig? `S e an rud a th`ann, cia-tà, gum bi mì-rùn aig ùghdarrasan mar sin a` toirt air daoine fàgail an dùthaich aca. `S ged a tha mi a` taobhadh ri ionnsachadh cànanan eile, chan eil ciall ann idir a bhith a` leigeil leis a` ghaoith cànan na dùthcha.

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh