Dhomh-sa tha e uabhasach fhèin tlachdmhor nuair a chì mi a’ chiad ghealag-làir a’ nochdadh. Bidh i a' briseadh a-mach làn dòchais agus deònach a cuid obrach a dhèanamh gun cheist. Mar chorrag a bhios a‘ tomhadh ris an t-samhradh. ‘S e gibht gheal shònraichte eile a th’ innte. Tha e math gu bheil rudeigin ann a tha fhathast ruith mar bu chòir.
Fàilte chridheil ort
Tha mi 47 bliadhna a dh'aois, tha mi pòsta 's tha mi a' fuireach ann an Inbhir Narann.
Tha e a' còrdadh rium a bhith sgrìobhadh beagan Gàidhlig. Tha mi fhathast ag ionnsachadh 's mar sin dheth, cha bhi a h-uile càil buileach ceart: nì mi mearachdan!
Co-dhiù ma tha greiseag agad - thig a-steach! Tuilleadh mu dheidhinn Gràisg
Freagairtean:1
tha sin snog gu dearbh agus beagan tràth, nach eil? Bha an t-aimsir ro bhlàth an seo agus chan eil flùraichean a'nochd fhathast idir.
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh