Tha sinn air fàs cho beag-sealladh?

Tha mi air a bhith leughadh Aonghais MhicDhòmhnaill anns a’ cholbh aige sa Phress & Journal agus feumaidh mi a ràdh gu bheil mi ag aontachadh leis – Dia ann no às. Thuirt e:
Tha sinn air fas cho beag-sealladh, agus cho mosach agus nach eil sin deonach coimhead air taobh a muigh a starsaich again fhin. Tha an ceathamh beatha th’ againn an diugh dha’r crodadh a steach a bhailtean, far a bheil beatha mhi-nadurrach againn. Tha sinn air ceangail a chall ri fearann, ri nabachd agus co-chomunn, agus mar a bith sinn ur ceangail ris an Dia a mhain a bheir dhuinn beatha am paillteas.
Bha Aonghais a-mach air poileataics cuideachd agus ciamar a tha a h-uile càil ceangailte ris fhathast cho grod sa bha e ann an 2005. Thuirt e mu dheidhinn Thearlaich Cheannadaich:
Tha e a’ choimhead uamhasach coltach ris g’eil na h-uaislean mu dheas air tuigse mu dheireadh thall gur e mac croitear ann a sheo, agus tha e a cuir uamhas orra gun thigh iad e bho thus.

Freagairtean:2

Aig 16:49 thuirt Blogger Steaphan MacRisnidh...

Tha an t- Aonghas seo rud beag greannach, nach eil? Tha coltas ann gu bheil e a` coimhead air an saoghal bho shùilean mu bheil buaileagan dubha!

Tha cuid den bheachdan aige fìor gu ìre...ach Aonghais, Aonghais..na bi cho trom oirnn!

Dia tha fhios nach eil annainn, mar chinne-daonna, ach boinneachan-fala air uachdar na talmhainn, air neo tha sinn nar craiteachan salainn (agus uaireannan rud beag siùcrach).......air cruinne a tha na mharbal àlainn ann an cuan mòr mòr nan rionnagan! Gabh cupa teatha a dhune.(Aonghais)

Ciamar a tha thu co-dhiù, Des? `s math bhith gad leughadh mar as àbhaist.

 
Aig 21:55 thuirt Blogger Graisg...

Feasgar math Steafain, na bhith eagal ort cha cuir mi am P&J sa pharsail:-) Tha mi ann an deagh shunnd agus fhathast air mo shaor-làithean. Cha bhi na cùrsaichean a’ tòiseachadh gus an ath mhios. Tha i inntinneach, nuair a bhios agam rudeigin a leughadh no sgrìobhadh bidh mi ga sheachnadh ach nuair a bhios mi gun cheann-ama bidh mi a’ lorg a h-uile càil a ghabhas. A bharrachd air sin tha mi a’ feuchainn ri beagan den chànain na Breatainn Bhig a thogail orm. Tha mi an dùil semester a chur seachad ann an Rennes ann an 2007, mar sin bhiodh beagan Brezhoneg gu math feumail dhomh. Am bi thusa a riamh air Skype sna làithean seo? Uill sin mar a tha e ann a sheo, chan eil mòran air tachairt, seachad air tìrnamblòg.com air a bhriseadh a-mach air an àrd ùrlair :-) à la prochaine ‘ille

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh