A’ cur an cùl ris a’ phoblach?
Gu ruige seo tha Comhairle na Gaidhealtachd air a bhith a’ toirt taic do tè dhall a tha ceithir fichead ‘s tri dheug bliadhna a dh’ aois ann an Fortrose. Bha neach-cùraim a’ chur cèilidh oirre airson uair a thìde gach latha gu h-àraidh airson bìde meadhan latha a bhruich. Uill sgrìobh gaisgeach air choireigin thuice agus chaidh a mhìnich gum biodh an neach-cùraim ann airson ach leth-uair a thìde an àite uair bho sin a-mach agus nas miosa buileach nach leig iad leis an neach cùraim ud am biadh a bhruaich.
Tha fhios aig a h-uile duine gu bheil cion airgid aig na h-ùghdarrasan ach air an darna làimh chan eil ach dà rathad a dh’ fhaodas sinn a’ leantail. A bheil iadsan a’ dol sìos am fear borb? Mur a bheil iad airson an leithid a dhìon dè am feum againn orra? Tha dòchas ann ge-tà. Ma dh’ fhoaidte nach bi na comhairlichean eòlach air a’ chuspair gus an leugh iadsan sa Phress & Journal e cuideachd, agus bidh iad a’ tuigsinn dè cho tàmailteach ‘s tha an tachartas seo dhan mhuinntir na Gàidhealtachd agus cuiridh iad cuisean air dòigh.

Freagairtean:0
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh