Seo rudeigin caran ‘Beta’ dhut
Rugadh Raibeart Ailein Zimmermann ann an Duluth Minnesota air an ceathramh latha fichead den Chèitean 1941. Thug a leithid de Elvis Presley, Jerry Lee Lewis agus Little Richard buaidh mhòr air. Nuair a ghabh Dylan òrain aig na dannsaichean àrd-sgoil bha e a’ feuchainn a thoirt a chreidsinn gur e Little Richard a bha a’ seinn. Aig an àm sin chuir e a chòmhlain-ciùil fhèin air dòigh. Chaidh iad ris na canar ‘The Golden Chords’ agus ‘Elston Gunn and his Rock Boppers’. Nuair a bha e aig an oilthigh Minnesota thoisich e a sheinn ciùil Folk agus tuath cheòl mu chuairt nan cafaidhean ionadail. Thug e an t-ainm Bob Dylan air e fhèin às dèidh a’ bhàird Chuimris Dylan Thomas.
Ann an 1960 dh’ fhàg Dylan an oilthigh agus ghluais e gu New York. Bha an seinneadair ainmeil Woody Guthrie gu math tinn san ospadal ann an New York aig an dearbh arm agus ‘s e gu tric a chuir Dylan cèilidh air. Bha Dylan glè mheasail air a’ chuid chiùil aig Woody agus bha e na iodhal gu Dylan. Bha Dylan a-nis a’ sgrìobhadh òran aig astar a bha iongantach agus nam measg bha ‘Song to Woody’. As t-fhoghar 1961 chaidh iomradh math dhith a folleasachadhn san New York Times agus ann an ùine nach robh fada rinn e cùmhnant le Columbia Records.
Thàinig an LP ‘Bob Dylan’ a-mach tràth ann an 1962. Cha robh ach dà òran a bh’ ann an sin a sgrìobh Dylan e fhèin ach fhuair a ghuth annasach taisbeanadh. Nuair a thàinig clàr eile a-mach ris an canar ‘The Freewheelin’ Bob Dylan ann an 1963 choishin e cliù dha fhèin mar aon den tàlantan as cruthachail agus as bàrdail ann an ceòl pop Ameireaganach. Tha an clàr ud gu math ainmeil airson dà òran a thug buaidh mhòr mhòr air na tri-ficheadan. Cò nach eil eòlaich air ‘Blowing in the Wind’ agus ‘A hard rain’s a-gonna fall’. Thuirt Dylan gun do sgrìobh e ‘hard-rain’ nuair a bha e làidir den bheachd gun robh e fhèin agus a h-uile mac màthar eile an impis a bhàsachadh ann an cogaidh niuclasach.
‘…Where black is the color, where none is the number,

And I'll tell it and think it and speak it and breathe it,
And reflect it from the mountain so all souls can see it,
Then I'll stand on the ocean until I start sinkin',
But I'll know my song well before I start singin',
And it's a hard, it's a hard, it's a hard,
it's a hard,It's a hard rain's a-gonna fall.’
Bha mòran dhaoine a’ togail fianais sna tri-ficheadan agus tha buaidh a’ ghluasaid chulturach ud fhathast ri fhaicinn an-diugh ged’ s a dh’ fhàg e dìleab connspaideach dhuinn ann an mòran dòighean. Co-dhiù bha mòran a’ coimhead air Dylan mar bhàrd agus ceannard spioradail dheth agus nuair a nochd an ath LP aige ‘The Times they are a Changing’ bha a luchd-leantainn a fhaicinn dìreach mar neartachadh den inbhe seo.
The line it is drawnThe curse it is castThe slow one nowWill later be fastAs the present nowWill later be pastThe order isRapidly fadin'.And the first one nowWill later be lastFor the times they are a-changin'.
Thuit e ann an trom ghaol le Joan Baez, sgrìobh e mòran òran air a son agus nochd an dithis aca gu tric aig mòran chuirm-chiùil. Cha do mhair an càirdeas eatarra ge-tà agus aig an dearbh àm a thàinig sin gu crìoch chuir e beagan astar eadar e fhèin agus an iomairt fianais.
Leis ‘Another side of Bob Dylan’(1964) chunnaic an saoghal toradh dhen òranaiche turas eile ach ‘s e obair a’ buntainn bho Dylan a’ coimhead a-steach a’ phearsa fhèin a bh’ ann an sin agus cha robh cruth doimhne politigeach oirre. Ann an 1965 bha Dylan aig teas mheadhan còmh-strì uabhasach nuair a chluich e a chuid ‘folk’ ann an dòigh ‘dealanach’ airson a’ chiad turas. Thachair sin air an 25m dhen Iuchar. 1965 aig Feis Newport sna stàitean. Bha sin dìreach tàmailteach dhan a’ mhòr-chuid an latha ud agus chaidh a chàineadh gu dubh dubh. Tha an latha ud ainmeil ann an eachdraidh Roc. Chum e a’ dol ge-tà, bha e coma a thaobh smaointean no faireachdainn a luchd leantainn agus cha robh rathaid eile air a bheulaibh ach am fear a bha a shàr-smaoin fhèin ga dhealbhachadh. Bhiodh e a’ leantail a’ phàtran ud san àm ri teachd cuideachd ge b’e duine am beachd duine sam bith eile.
Cha robh e fada gus an tug clàr eile gu buil e leis ‘Highway 61 revisited’. Leis a sin thug e sàr laoidh Roc dhan t-saoghal, chaidh e ris an canar ‘Like a Rolling Stone’. Rinn e LP eile anabarrach math ann an 66 leis ‘Blonde on Blonde’. Leis an obair a bh’ aige gu ruige seo chuir Dylan ri chèile an dà shaoghal roc agus litreachas ann an dòigh nach do thachair a riamh roimhe. Theab nach do bhàsaich e ann an 1966 ann an tubaist motair-baidhsagal agus às dèidh sin chaidh e a-mach a shealladh airson greis fada. .
Thill e ann an 1968 le ‘John Wesley Harding’ agus le fear de na h-òrain na bhroinn fhuair Jimi Hendrix soirbheas mòr. Nuair a rinn Hendrix clàr de ‘All along the Watchtower’ cha robh e ach leantainn mòran seinneadairean eile ann an sin, tha liosta mhòr de dhaoine eile a fhuair ‘hit’ iad fhèin air sgàth s tàlant Dylan. Sgrìobh Dylan an ceòl airson an fhilm ‘Pat Garrett and Billy the Kid’, nochd e san fhilm ud cuideachd ach ‘s e airson an fuinn ‘Knocking on Heaven’s Door’ a bhios am film ainmeil gu bràth siorraidh.
Fhuair e a’ chaidh àireamh 1 le ‘Planet Waves ann an 1974 agus ‘s e soirbheas mhòr eile a bh’ ann an ‘Blood on the Tracks’. An ath bhliadhna dh’ fhoillseach e Desire agus leis a sin choisinn e an treas àireamh 1 aige. An lùib Desire bha an t-òran ‘Hurricane’. Sheinn Dylan mu dheidhinn a’ bhogsair Ruban ‘Hurricane’ Carter: bha an duine ud ann am prìosan airson mort. Bha Dylan agus pailteas dhaoine eile làidir den bheachd gur e duine neo-chiontach a bh’ ann. Tha coltas dòrraineach air an òran seo leis a’ ghuth aig Dylan agus na ionnstramaidean air a cùlaibh. Nan robh riamh gairm airson ceartais air a sgrìobhadh ann an cruth Roc agus Roll, ‘s e sin e gu dearbh. Ma chluinneas tu ris an òran seo cha bhi thu ga dhìochuimhneachadh .

'Yes, here's the story of the Hurricane,
The man the authorities came to blame
For somethin' that he never done.
Put in a prison cell,
but one time he could-a been The champion of the world.'
Fhuair Dylan sgaradh pòsaidh le Sarah Lowdnes agus chaidh sin a mhìneachadh ann an oran eile air Deisre. Nuair a sgrìobh Dylan ‘Sarah’ bha amas aige an càirdeas a chur ri chèile leatha turas eile

'Now the beach is deserted except for some kelp
And a piece of an old ship that lies on the shore.
You always responded when I needed your help,Y
ou gimme a map and a key to your door. Sara,
oh Sara,Glamorous nymph with an arrow and bow,
Sara, oh Sara,
Don't ever leave me, don't ever go.'
Thug Dylan an creideamh Chrìosdail air agus le ‘Slow Train Coming’ fhuair e soirbheas eile ged’ s a chur an LP sin dragh air feadhainn den luchd-leantainn. Às dèidh sin tha mòran den bheachd gu robh a chuid tàlantan a’ crìonadh agus cha do dh’ èirich a chliù a rithist gus an d’ rinn e ‘Time out of Mind’ ann an 1997.
B’ann an 1989 ge-tà, nuair a cruthaich iad àite air a shon san Rock and Roll Hall of Fame. Thuirt Bruce Springstein aig an àm
‘Thug Bob saorsa dhan inntinn san aon dòigh a thug Elvis dhan a’ bhodhaig i…agus dh’ atharraich e an t-aodann Roc gu bràth siorraidh’
.
Tha Dylan fhathast a’ chruthaich a chuid dìleab agus cò aig a tha fios dè a chì sinn bhuaithe san mhillennium ùr seo? Am bidh daoine san am ri teachd ga aithneachadh mar an seinneadair roc as cudromach a riamh?

Freagairtean:0
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh