Cuir sin an aghaidh na fàilte ri fhaighinn ann an Codiac

Ma dh’fhaoidte chunnaic thu am pìos a sgrìobh Chuc mu dheidhinn na fàilte a fhuair na saighdearan nuair a thill iad gu Codiac bho Iarac. Cuir sin an aghaidh ciamar a tha an riaghaltas againn a’ dèiligeadh leis na saighdearan agus daoine bhon Fheachd an Adhair a’ buntainn bho campaichean taobh a tuath na h-Alba, nuair a thilleas iadsan.
Bidh na h-itealain aca a’ dol gu Brize Norton san t-Siorrachd Oxford shìos ann an Sasainn. Às dèidh sin bidh busaichean gan giùlain 600 mìle. Saoil sin, sia mìosan thall thairis agus air a bhith fulang a h-uile dragh agus èiginn a ghabhas, seachd searbh sgìth agus ag ionndrainn nan teaghlaichean aca gu mòr.
Co-cheangailte le sin chan eil an riaghaltas a’ tuigsinn carson nach eil daoine deònach a’ dol a-steach an arm? A-nis tha Afghanistan air fàire a dh’ aindeoin am beachd aig mòran den oifigearan gur e pròiseact seachad air na comasan aca air sgath ‘s gu bheil na feachdan againn an cheana a’ dhèanamh cus.

Freagairtean:2

Aig 01:19 thuirt Blogger tearlach61...

Nach eil iad cuideachd a'briseadh o chèile nan raiseamaidean Gàidhealaich? 'S dòcha gur e sin coireach cuideachd.

Chuir am fàilte a chuir sinn do na saighdearan iongnadh mòr orra. Cha robh càil fhios acasan gum bhiodh a leithid ann.

Tha fear de na saighdearan a'toiseachadh an obair aige an-seo far a bheil mi ag obair diluine sa' tighinn. 'S e rud car neònach nach eil. Aon latha tha thu anns a'chogadh. Beagan laithean nas fhaide, tha thu air ais aig an obair far an robh thu.

Rud eile. Tha an National Guard car eadar-dhealaichte on arm àbhaisteach. San arm abhaisteach, anns gach aonad, tha daoine à gach sìorrachd na duthcha. Ach san National Guard, tha a h-uile duine às an aon àite. Agus 's e saighdearan pàirte ùine a th'annta cuideachd. Airson a'chòrr am beatha, bith ceangal sònraichte eadarra air sgath na dh'fhulaing iad còmhla thall ud. Agus taing do Dhia nach do chàil sinn duine aca. Nan robh sgrios neo correign air tachairt orra, bhiodh sin call mhòr airson a'bhaile bheag seo.

Chuck

 
Aig 19:45 thuirt Blogger Graisg...

Tha cuid den bheachd gu bheil amas aig an riaghaltas a bhith briseadh sìos cruth an airm agus a chur le chèile e ann an dòigh a bhios nas fhreagarrach airson airm Eòrpach a thogail. Co-dhiù chan eil dad ceàrr leis an t-siostam a th’ againn an dràsta saoilidh mi.

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh