An Fhraing ann an staing
Bha a h-uile càil air bhoil air sràidean Pairois an-dè. Tha an riaghaltas gu mòr airson coireachan a thoirt do companaidhean airson cuidhteas fhaighinn air duine sam bith fo aois 26 aig àm sam bith sa chiad dà bhliadhna den chùmhnantan aca. Tha an riaghaltas den bheachd gun cruthaich sin obair gu leòr agus tha cruaidh fheum air obair anns an Fhraing sna làithean seo. Cha mhòr nach robh a h-uile mac màthair tàmailteach leis a sin agus thug iad na sràidean orra an-dè. Thàinig feadhainn den òigridh a-steach bhon iomall a’ bhaile ge-tà agus thug iad ionnsaidh an aghaidh a’ phoilis. Tha a leithid den ghràisg sin a’ dol ris an canar ‘les casseurs’ san Fhraing. Bu choma leis na Frangaich ma bhios na dhaoine ud an sàs sgrios sna sgìrean fhèin ach nuair a tha iad a’ briseadh a h-uile sian taobh a-staigh Pairois, uill, ‘s e rud eile a th’ ann an sin.
Cha do mhothaich an saoghal an stailc nàiseanta, cha robh uidh aig na sianalan telebhisean ach ann an sabaid a bha a’ dol air adhart eadar a’ phoilis (CRS) agus les casseurs.
Tha an Fhraing ann an staing gu dearbh ach ann an dòigh bha coltais ‘retro68’ air a ghnothaich. Aig an àm ud thug na h-oileanaich agus na h-aonaidhean na sràidean orra ach bha mòran airson ar-a-mach buileach glan agus bha amas aca dùthaich chomanach fhaighinn. An diugh chan eil iad ag iarraidh ach a bhith nan deagh chalpairean. ‘S e ri linn sin a tha na botail agus na breicean a’ seòladh chun loidhneachan phoilis. Ach ‘s e geama diofraichte a th’ ann san làithean seo: tha gaoth fhuar ‘globalisation’ a’ sgreuchail tron sean taigh.
Bha stailc ann an Alba cuideachd ach bha e na bu sìobhalaichte.

Freagairtean:0
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh