Deagh, deagh naidheachd gu dearbh!

‘S e ceum mòr air adhart th’ ann. Rinn Comhairle na Gàidhealtachd co-dhùnadh an-dè airson aonad foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig a chur air bhog ann an Inbhir Narann. Abair naidheachd, a-nis bidh Gàidhlig beò ann an Inbhir Narann air bilean ginealach eile. Tha mi uabhasach fhèin toilichte airson nam pàrant, tha iadsan air a bhith a’ strì airson an cuid coireachan airson bharrachd air 20 bliadhna.
Thuirt Sarah Ralph dhan Phress & Journal an diugh, ‘Tha daoine bruidhinn Gàidhlig ann an Inbhir Narann, mise nam measg, agus tha fhios agam gur e feadhainn a-mach mu dheidhinn ciamar a bu chòir dhuinn a bhith ag ionnsachadh canain eile a leithid Mandarin air sgàth ‘s gur e canan gnothaich a th’ann. Ach chan eil beatha mu dheidhinn gnothaich, tha i mu dheidhinn cultair agus dualchas.
Tha Gàidhlig mu chuairt oirnn., ‘s e ar cultar agus dualchas a th' innte. Tha i fhathast ga faicinn ann an ainmean àiteachean.
Thug iad bhuainn le fòirneart i. Chuir iad caisg oirre sna sgoiltean. Mar sin nuair a tha iad ag ràdh gur e chanan aig uchd bàis a th’ innte, cha robh i a’ bàsachadh gu nàdarra. Tha faireachdainn làidire agamsa mu a deidhinn.’
Sin thu fhèin Sarah, air sgath ‘s a h-uile càil a rinn thusa agus do chàirdean bidh Gàidhlig air ais aig cridhe ar coimhearsnachd. ‘S math a rinn sibh!

Freagairtean:1

Aig 22:30 thuirt Blogger MoragSorcha...

Moran taing Des! Tha e duilich a creidsinn, gum bi sgoil Gaidhlig ann an Inbhir Narainn. Mu dheireadh!

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh