Fiosrachadh inntinneach mu dheidhinn Theàrlaich Bhòidheach
Leugh mi beagan mu dheidhinn beatha Theàrlaich bhòidheach an-diugh. Cha robh fhios agam gun do thadhail e air Lunnainn òs iosal ann an 1750 agus chuir e coinneamh air dòigh le faisg air leth-cheud Seumasaich ann am Pall Mall. Thug e fiù ‘s sùil air an Tùr Lunnainn agus às dèidh ceithir seachdainean thill e dhan Fhraing. A-rèir coltais ma dh’ fhaoidte gun d’ rinn e sgrìobh eile thar caolais na Frainge ann an 1752 cuideachd. Nan robh planaichean aig Teàrlach agus a luchd leantainn cha do thachair dad co-dhiù.
Roimhe sinn rinn an Fhraing cumhnant sìth le Sasainn ann an 1748 aig Aix-la Chapelle agus mar phàirt sin bha aig na Frangaich cuidhteas fhaighinn de Theàrlaich bhon dùthaich aca. Cha do dh’ fhàg Teàrlach ge-tà agus rinn iad an co-dhùnadh airson Theàrlach a chur ann an sàs. Air an rathaid dhan opera air an 11 latha den Dhubhlachd ghlac iad e le 1,200 saighdearan bhon Garde Royale agus taic bhon feachd poileas agus na Grenadiers. Chaidh a thilgeil a-mach ach cha robh e fada gus am biodh cogaidh a’ dol a-rithist agus bha fàilte agus furan ri fhaighinn airson Theàrlaich turas eile san Fhraing.
Tha e follaiseach gu robh eagal air na Frangaich gum biodh taic aig a Phrionnsa leis a’ ghràisg Pharisienne.
Tha mi air a bhith a’ leughadh ‘Bonnie Prince Charlie’, sgrìobhte le Fitzroy MacIllEathain, cha do leugh mi mòran fhathast ge-tà agus s’ dòcha gum bi fiosrachadh eile na bhroinn a bhios inntinneach dhomhsa.
An do leugh thusa a-riamh dad sam bith mu dheidhinn Theàrlaich a chuir iongnadh ort?

Freagairtean:0
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh