Comann Gàidhlig Mhosgo

Thug mi sùil air an làrach-lìn aig Comann Gàidhlig Mhosgo. Tha e dìreach mìorbhaileach gu bheil buidheann luchd ionnsachaidh na Gàidhlig sa chathair bhaile na Ruis. Sgrìobh iad deich adhbharan airson Gàidhlig ag ionnsachadh agus b’ fhiach iad a bhith leughadh le duine sam bith. Tha na deach adhbharan a’ mìneachadh mòran den rudan a tha sònraichte a thaobh a’ chanain. ‘S e feallsanachd air leth a tha air a sgrìobhadh agus tha mi ag aontachadh gu mòr leis. Ma thèid sibh am broinn a' phìos sgrìobhaidh ud chì thu pìosan den fheallsanachd agad fhèin, tha mi cinnteach às.

Freagairtean:1

Aig 09:59 thuirt Blogger Flùr...

Tha mi a' smaoineachadh gur e làrach math a tha sin.
Nuair a chunnaic mi an làrach-lìn sin, chuir sin an t-iongnadh orm - cha robh fios agam gu robh a leithid de làrach ann idir. Agus an-dè, chuir mi romham ceangal chun na làraich sin a chur nam bhlog - stoil leam an làrach aca, agus 's toil leam na sgrìobh iad mu dheidhinn nan adhbharan airson Gàidhlig ionnsachadh, gu dearbh!

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh