Fhuair Inbhir Narann adhartas mòr eile an diugh nuair a chuir dithis de na blogairean Gàidhlig as cliùiteach sa ghabhas ceilidh air a’ bhaile. Thàinig iad as na stàitean. An aithne dhut iad? Feumaidh mi a ràdh ge-tà tha tè Inbhir Narann neo-chiontach sa deilbh cuideachd. Freagairtean air cùlaibh pìos html mas e do thoil e. Cha bhi e fada gus am bi am baile againn a’ faighinn inbhe gu h-oifigeach mar phrìomh bhaile nam blogaichean gàidhlig.
Diardaoin 3 an t-Iuchar 2025 :: 8:25:29 sa mhadainn
Brùth air an dealbh gus slideshow fhaicinn.
Mu mo dheidhinn
Fàilte chridheil ort
Tha mi 47 bliadhna a dh'aois, tha mi pòsta 's tha mi a' fuireach ann an Inbhir Narann.
Tha e a' còrdadh rium a bhith sgrìobhadh beagan Gàidhlig. Tha mi fhathast ag ionnsachadh 's mar sin dheth, cha bhi a h-uile càil buileach ceart: nì mi mearachdan!
Co-dhiù ma tha greiseag agad - thig a-steach! Tuilleadh mu dheidhinn Gràisg
Freagairtean:2
dè tha dol anns an dealbh sin? cearcall nam ban-bhuidseach? ;-)
huhu eilidh is cam... is sibhse a th' ann, nach e?
mona
Abair daoine cliùiteach!
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh