Chunnaic sinn a’ Ghearmailt a’ dèanamh a’ chùis air Costa Rica 3-2 agus an uair sin rinn sinn sgrìob sìos dhan tràigh. Chaidh sinn tron phàirc ris an canar Viewfield. Tha muinntir Inbhir Narann gu math pròiseil àiste, nuair a bha a’ Chomhairle airson pàirc càraichean a chur air pàirt dhith sgrìobh bharrachd air 450 dhaoine litrichean fianais agus cha deach am plana ud air adhart. Air feasgar brèagha samhraidh tha e dìreach àlainn nuair a tha a’ ghràin a’ toirt boillsgidhean òir tro na craobhan.
Fàilte chridheil ort
Tha mi 47 bliadhna a dh'aois, tha mi pòsta 's tha mi a' fuireach ann an Inbhir Narann.
Tha e a' còrdadh rium a bhith sgrìobhadh beagan Gàidhlig. Tha mi fhathast ag ionnsachadh 's mar sin dheth, cha bhi a h-uile càil buileach ceart: nì mi mearachdan!
Co-dhiù ma tha greiseag agad - thig a-steach! Tuilleadh mu dheidhinn Gràisg
Freagairtean:1
Abair dealbhan àlainn!!! :-)
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh