Tha na h-ealachan air tilleadh.
Bidh iad a’ falbh as t-earrach a h-uile bliadhna gus nid a thogail taobh a-muigh a’ bhaile. Às dèidh còig no sia seachdainean tillidh iad le teaghlach ùr. Tha caraid agam ris an canar Joe Telfer air a bhith a’ cumail sùil orra o chionn fhada agus tha e daonnan a' togail dealbhan. Thòisich e blog, Simply Superb Swans. Chì thu dealbhan gu leòr a chuireas tu ann an deagh shunnd. Seo tè dhiubh. 

Freagairtean:2
Bidh na h-ealachan bòidheach gu dearbh. Tapadh leat airson na deilbh seo agus a' cheangail ri càch.
Oh is toigh leam iad! Tha iad cho àlainn. Ach uaireannan bidh iad fiadhaich. Tha fìor eagal air mo bhràthair ro ealachan, oir thachair e ri fear fiadhaich nuair a bha e gu math beag (bha an eala nas motha na mo bhràthair an uair sin! ;-))
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh