Thachair mi air 'Sgudal sgoinneil'

Uill nach do thoisich Gun Chloc seòrsa audioblog a-nis agus tha e a' dol ris an canar 'Sgudal sgoinneil'. Tha e math a bhith a’ faicinn neach-ionnsachaidh eile a’ cleachdadh teicneolais air loidhne. Saoilidh mi am biodh an làrach sin ag obrachadh air Tìr nam Blòg agus a bhith sealltainn mar na blogaichean eile? Seo blas dheth dhut.


dèanta le ODEO airson Gun Chloc

Tha mise air a bhith dripeil trang ri sgudal cuideachd. An àite a bhith a’ cur cus bhideos air Tìr nam Blòg chuir mi air dòigh blog dìreach airson a leithid truileis. Seo Blog nam Bhideos agad.