Às dèidh frasan thàinig a’ ghrian

Air La leth an t-samhraidh shìos gu deas agus cha robh a h-uile duine air am beò ghlacadh leis a’ bhall choise. Bha beagan uisge ann agus bha e caran fuar fad an h-oidhche. A rèir coltais bha 17,000 an làthair an turas seo agus bha iad h-uile ann an fior dheagh shunnd. Bha a’ ghrèin caran anmoch ach abair toileachas air an àite nuair a bhuail gathan na grèine air teas meadhan nan tursachan Stonehenge. Gun teagamh bha deoch air feadhainn dhaibh agus bha boladh milis na cainb crochadh san adhair ach bha rudeigin sònraichte a’ dol air adhart. Tha an t-àite seo fhathast tarraingeach mar a bha e o chionn fhada agus bidh e gu bràth siorraidh, tha mi cinnteach às. Chuir a h-uile duine fàilte air a’ ghrèin agus an uair sin thill iad dha na beathaichean àbhaisteach aca le spiorad làidir nan cridheachan.


La leth an t-samhraidh

Freagairtean:4

Aig 15:13 thuirt Blogger Steaphan MacRisnidh...

Halò, a Ghràisg.

Tha e coltach gu robh deagh chonsairt ann a-shin. Ach `s iongantach leam gu robh uiread de chruitearan air a` Ghàidhealtachd aig a bheil ùidh ann an ceòl an-là-an-diugh. ;-)

"agus an uair sin thill iad dha na beathaichean àbhaisteach aca "

 
Aig 17:32 thuirt Blogger Graisg...

tuisleadh Freudian ann an siud a bhalacih!

na beathaichean àbhaisteach a bh'annta? :-)
no fiù 's na beathannan nam biodh feum orra air a leithid.

 
Aig 18:14 thuirt Blogger Steaphan MacRisnidh...

Tha mi a` smaointinn gun do “thill iad ris a` bheatha àbhaisteach aca”. Ach faighnich dhen liosta? Chan eil mi cinnteach ach air aon rud...nach eil beathaichean aca uile! 20 000 daoine le caoraich! Bhiodh sin fada cus! ;-)

 
Aig 20:24 thuirt Blogger Graisg...

Mar a thuirt am fear-poileas ann an dualchainnt Somerset:
'Can you come here a minute sir, oiid like to hav a litte loook thru yooor pock-ets.'

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh