Uill tha saidheans ag innse dhuinn...
Bha sinn greis shìos ann an Somerset. Fhuair sinn àite-campachaidh faisg air Glastonbury Tor agus choisich sinn suas gus a choimhead air a’ ghrèin a’ dol fodha. Abair sealladh a bh’ ann, taobh thall a' Chaolais Bhristol bha i ga faicinn a’ dol às an t-sealladh air cùl cnuic cuimreach air choireigin. Mu cuairt oirnn bha feadhainn eile a’ gabhail an aon cothroim. Cha mhòr nach robh mo shùilean a’ creidsinn maise na tìre. ‘S e àite gu math math sònraichte a th’ ann agus chan eil e tric a bhios mi a’ dol dhan taobh an iar-dheas Shasainn ach gu dearbh chan eil sgrìob shìos an sin coileanta gun streap suas an Tor.
Co-dhiù chuala mi còmhradh eadar seann hippi agus nighean mus do dh’ fhalbh sinn.
“ ‘S fhada bho nach fhaca mi thu, càite an robh thu?” Dh’ fhaighnich an t-seann hippi dhi.
“ Bha mi shuas ann an Innse Gall,” fhreagair an nighean.
“ An do chòrd sin riut?”
“Chòrd gu dearbh, ach bha an aimsir dìreach sgriosail. Bha mi aig na Tursachan ceithir làithean agus bha e math a dh’ aindeoin an uisge agus na gaoithe. Aon rud a bha a’ bualadh orm, chan fhaca mi a riamh a leithid de bhoghannan-frois. Bha fear aca a h-uile còig mionaid.
“Tha fhios agam,’ thuirt an duine, ‘ ‘s e sin far am faigh thu iad as t-samhradh. Tillidh iad as t-fhogar.’

Bha sin a chuid eòlais seachad agus chuir e a didgeridoo gus a bhillean agus thoisich am fuaim bhon mhòr-thìr eile a’ sgaoileadh sìos dhan an tìr iosal agus ann an dòigh neònach smaoinich mi gur ann àite fhèin a bha e.
‘S e seòrsa Ierusalem ùr a th’ ann an Glastonbury gu mòran. Baile far a bheil mòran a’ tighinn ri chèile agus tha amas aig feadhainn a bhith a’ togail taigh-solais gus am bi a’ sealltainn dhan mhòr chuid againn rathad eile. Feumaidh mi ag ràdh gu bheil mi a’ smaoineachadh gu bheil amas aig feadhainn eile a bhith a’ reic criostalan agus a leithid aig a’ phris as àirde a ghabhas eadar seo agus ge b’ e an rathad eile gan toirt. B’ fheàirrde dhuibh le botail scrumpy saoilidh mi ach tha taghadh mòr agad ma bhios tu a’ lorg cuimhneachan eile.
Uill tha saidheans ag innse dhuinn dè a th’ ann am bogha-frois agus dè a tha ga chruthachadh agus tha a mhòr-chuid ga chreidsinn gun ceist sam bith. Bha an t-seann hippi a’ cumail a-mach ge-tà, gur e seòrsa creutairean a bh’ annta – creutairean a bhiodh comasacha dhèanamh imrich aig àm a bhiodh freagarrach dhaibh. Bha sin an seòrsa smaoin a bha a’ stiùireadh mhic an duine san t-seann aimsir nach robh? Gheibh thu fhathast coimhearsnachdan san t-saoghal far a bheil muinntir fhathast buailteach a bhith gabhail suim sa leithid. Leis a sin dè tha ceàrr le dè a bha an hippi a’ creidsinn no a’ feuchainn a thoirt a chreidsinn air mullach an Tor.

Freagairtean:0
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh