Uill, sin agad e, tha na geamaichean seachad.

Tha mòran den bheachd gum bi na làithean grianach sona seachad an dearbh mionaid a thèid na geamaichean an dùnadh. Uill a dh’aindeoin sin tha dathan rim faicinn fhathast agus bha teas na grèine gu math làidir an-diugh. ‘S e deagh naidheachd a bh’ ann an sin airson mo chuid tomàtothan agus piobaran agus tha dùil agam fhathast gum bi rudeigin air a’ mhaois a shìol mi am bliadhna.
Chan eil a h-uile càil seachad ach tha an t-àm as fheàrr seachad agus a thaobh gàirnealaireachd chan bhi dad sam bith cinnteach a-nis.
A bheil beachd agad, uill carson nach chuir a-steach e? Chan eil agad a bhith nad bhall de Blogspot airson sin a dhèanamh a-nis, dh’fhosgail mi an goireas seo dhan a h-uile duine a-nis. Faodaidh tu ainm a chruthachadh air do shon no dìreach ‘gun ainm’ a chur a-steach.
Freagairtean:1
Sgionneil!
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh