Oidhche bhog fhliuch Bòrd na Gàidhlig Bogha Mòr

Halo a chàirdean,
…ag innse na fìrinn bha tuil ann fad an latha…
Cha do sgrìobh mi mòran o chionn greiseag ach tha mi air a bhith trang ag ullachadh a h-uile càil airson an treas bliadhna den cheum a tha mi a’ dèanamh aig Oilthigh Obar Dheathain. Ceangailte le sin tha mi shìos ann an Ìle an-dràsta an sàs cùrsa a chur an Oilthigh air dòigh le taic bho Bhòrd na Gàidhlig. Abair àite brèagha agus càirdeil a th’ ann agus ged ‘s a bha an luchd-obrach aig Aonad Chaluim Chille gu math cruaidh oirnn tha iad a’ dèanamh an dìcheall airson piseach a thoirt oirnn agus tha an toradh ceanna ri fhaicinn as dèidh crìoch a chur air an treas latha. Bha mi shìos aig an taigh-seinnse ach cha do dh’fheuch mi uisge-beatha sam bith fhathast tha cus obair-dachaigh agam gach feasgair ach ghabh mi pinnt no dhà le na h-oileanaich eile. Tha sinn a’ fuireach san taigh seo, tha e a’ dol ris an canar ‘Cardhu’. ‘S e àite gu math cofhurtail a th’ ann.
Feasgar Diciadain bha coinneamh Bòrd na Gàidhlig a’ gabhail àite aig an aonad. Mhìnich Peadar Morgan am Plana Gàidhlig agus an uair sin bha e gar brosnachadh airson pàirt a ghabhail ann an deasbaid. Gu dearbh ‘s e deasbad fad ‘s farsaing a bh’ ann agus chuala sinn ciamar a bha muinntir Ìle a’ faicinn cuisean, gu h-àraidh ciamar a bha gainnead luchd-teagaisg a sìor chur bacadh air Gàidhlig ann a sheo.
Cuir mi a-steach beachd mar neach-ionnsachaidh. Thuirt mi ciamar a bha cùisean a’ còrdadh rium aig Obair Dheathain ach cuideachd ciamar a bha e caran doirbh a bhith nam luchd-ionnsachaidh roimhe sin. Dhomhsa, tha e na chùis-nàire nach eil structair foirmeil airson luchd-ionnsachaidh air feadh Alba. Bu toil leam a bhith faicinn rudeigin a bha stèidhichte air na cùrsaichean a tha ri fhaighinn aig an t-Sabhal Mhòr mar eisimpleir no rudeigin den leithid sin. Innis mi do Pheadar ciamar a bha mi den bheachd gum bu choir don leithid a bhith fosgailte ann an dòigh eadar-nàiseanta airson na luchd-ionnsachaidh sgapte air feadh an t-saoghal.
Fhreagair Peadar mo cheist agus a bharrachd air sin thuirt e ‘nach thusa Graisg?’ (‘cover blown’ mar a chanas iad) agus nuair a bha e a-mach air ‘coimhearsnachd’ bha e a’ toirt a steach a leithid den Gaidhealtachd air loidhne no ‘mas fhìor’ far an robh e mothachail gu robh mòran a’ tachairt a bha gu math inntinneach. Sin thu fhèin Pheadair!’
Uill cumaibh oirbh a chàirdean, tha cuideigin a’ cumail sùil oirnn.
Tuilleadh a dh’ aithghearr.
PS, Mholainn-sa gun ceannaich sibh Gath 5 gun dàil. Tha truaghan air choreigin a-mach air na fòrams, Skype agus Tìr nam Blòg agus feadhainn de na càractairean a tha an sàs dhen Gàidhealtachd ‘mas fìor’.
PPS Am faca tu am blog aig Chuc an-diugh tha cuideigin ag iarraidh phuist-dealain bhuainn. Tha e no i airson faighinn a-mach carson a chuir sinn romhainn a bhith sgrìobhadh sa Ghàidhlig ‘S e deagh cheist a th’ ann an sin, dhomhsa ‘s e seòrsa measgaidh a th’ ann agus chan eil mi buileach cinnteach sna làithean seo de an t-adhbhair as cudromaich a th’ agam. Aon rud a tha mi cinnteach às ge-tà ‘s e sin gur e a còrdadh rium gu mòr, mòr.

Freagairtean:2
Tha mi air mhisg an drasta ach tha mi a creidsinn gu bheil thu uabhasach fadalach!
ok ma tha a charaid, gabh do chuid airgid air ais :-)
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh