Iomairt gus cuidhteas fhaighinn de Ghluineach Sheapanach, Lus na Clogaide agus an Odharan Mór
Leugh mi artaigil mu dheidhinn nam craobh fo bhlàth ann an Iapan agus chuir sin orm smaoineachadh. Chan e a-mhain mu dheidhinn nam dathan brèagha air na craobhan agus ciamar a tha sin a chuir daoine ann an deagh shunnd. Chithear grunn chraobhan den leithid sin ann an Inbhir Narann - uill prunus eile (siris sheapanach), chaidh am brosnachadh leis an turadh agus teas a bh' againn o chionn greis ach gu mi-fhortanach tha iad air a bhith fo bhlàth fada ro thràth agus a-nis tha iad fo chunnart reòthadhan àbhaisteach a tha buailteach a bhith againn sa Ghiblean. Dhùisg ceàrn eile nam inntinn a chuir nam chuimhne siubhal a-mach a Lunnainn a rinn mi o chionn fhada. 'S e turas a bha mi cleachdte ris ach abair thusa gur e sealladh ur a fhuair mi an latha ud le mìltean craobh siris fo bhlàth air sràidean chathair bhaile Shasainn.
Co dhiù thoisich mise a' smaoineachadh air lus eile bhon Iapan a tha gu math cumanta ri taobh abhainn Narann. 'S e sin ri ràdh Gluineach Sheapanach agus faodaidh mi a ràdh le làn cinnt gur ann air a dòigh ghlan a tha e san àrainneachd againn sa bhaile seo. Gheibhear da lus eile bho thall thairis timchioll na h-aibhne cuideachd, Lus na Clogaide agus an Odharan Mór. Air sgath 's gu bheil iad a' fàs cho annasach math tha iad nan cunnart don lusan nàdarrach le buinteanas don abhainn. A bharrachd air sin air sgath 's gu bheil daimh sònraichte eadar na tha a' tachairt air bruaichean na h-aibhne agus cùisean san uisge tha na lusan coigrich nas cunnartaiche buileach don abhainn san fharsaingeachd.
Freagairtean:1
A charaid chòir, Obh, tha mi duilich a chluinntinn gu bheil lus à Iapan a' toirt trioblaid mhòr thugaibh ann an Alba.
Ag ràdh mu dheidhinn Glùineaich Sheapanach anns an dùthaich againn, chan eil trioblaid againn leatha idir. Tha i gu math cumanta ann an Iapan agus guc òg math ithe. Bha i ainmeil mar lus math do shlàinte cuideachd. Chì sinn i a' fàs air bhruach gu tric. Ach chan eil i a' fàs cho math. Chan eil mi cinnteach ach is dòcha nach eil Glùineach Sheapanach làidir gu sònraichte san àrainneachd Iapanach.
Tha mi an dòchas gum faigh sibh fuasglan math.
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh