Madainn Dìdhomhnaich agus ghabh mi sgrìob.

Bha e a’ cur sneachd a-raoir agus sin air mullach cabhsairean agus rathaidean a bha cunnartach reòta mu thràth. Chòrd sin ris an fheadhainn a bha air an ran-dàn ge-tà. Abair thusa gun robh deagh spòrs aca ann a bhith a’ tilgeil cnapan sneachda air a cach a chèile. Cha robh duine sam bith a bha a’ dhraibheadh a dol ro luath agus bha fiù ‘s an A96 ann an fìor dhroch stad. Saoilidh mi nach do chuir iad salainn air gus sa mhadainn seo. Tha cùisean a fàs nas fheàrr an diugh agus ghabh mi sgrìob mu cuairt na h-aibhne agus an uair sin sìos dhan chala. Seo grunn dhealbhan a thog mi na bu thràithe.

Freagairtean:2

Aig 20:26 thuirt Anonymous Anonymous...

's docha air 'cach a cheile'? tha mi an dochas, co-dhiu.......

 
Aig 22:35 thuirt Blogger Graisg...

tl gun ainm :-)
Chuir mi ceart e

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh