Thèid Sainsbury’s Inbhir Nàrann fhosgladh air an ceathramh làth den ath mhios (bidh am baile seo faighinn saorsa bhon Cho-op an uair sin ach ‘s e sgeulachd eile a tha sin). Bidh Sainsbury’s na doras retail don Ghàidhealtachd bhon taobh an ear agus saoilidh mi gum bi cha mhor a h-uile duine aig a bheil beagan Gàidhlig no a tha taiceil dhan chànain toilichte leis na soidhnichean seo. Prìomhachas don Ghàidhlig cuideachd. Sin thu fhèin Sainsbury’s.Tuilleadh dealbhan an seo Agus seo na chaidha sgrìobhadh air gurnnurn.com ann an 2008.
Sin uamhasach math fhaicinn - agus saoil am bi soidhnichean Gaidhlig sa bhuth fhein cuideachd? Am faic sinn sgadan saillte no guga sna aisles?! No really, tha paiste agam a tha sa chlas FMG Inbhir Narainn is tha e math gum faic iad Gaidhlig taobh a-muigh na clas cho tric as urrainn, chan eil direach mar phairt den latha sgoile.
Fàilte chridheil ort
Tha mi 47 bliadhna a dh'aois, tha mi pòsta 's tha mi a' fuireach ann an Inbhir Narann.
Tha e a' còrdadh rium a bhith sgrìobhadh beagan Gàidhlig. Tha mi fhathast ag ionnsachadh 's mar sin dheth, cha bhi a h-uile càil buileach ceart: nì mi mearachdan!
Co-dhiù ma tha greiseag agad - thig a-steach! Tuilleadh mu dheidhinn Gràisg
Freagairtean:1
Sin uamhasach math fhaicinn - agus saoil am bi soidhnichean Gaidhlig sa bhuth fhein cuideachd? Am faic sinn sgadan saillte no guga sna aisles?!
No really, tha paiste agam a tha sa chlas FMG Inbhir Narainn is tha e math gum faic iad Gaidhlig taobh a-muigh na clas cho tric as urrainn, chan eil direach mar phairt den latha sgoile.
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh