Thàinig Cuach Morganti dhachaigh

B' ann an 1946 a thug banntrach Albert Morganti a' Chuach don leag. Bidh fhios aig moran an ceangal a th' aig an teaglach ud le Inbhir Nàrann. Co-dhiù b'ann an 1963 an turas mu dheireadh a thàinig a' Chuach sin air ais gu Inbhir Nàrann ach abair thusa gur e latha eachdraidheil a bh 'ann an Disathairne 14mh den Cheitean 2011 nuair a dearrsach a' ghrian air an sgioba agus an luchd leantainn aig Parca na Bhana Phrionnsa Rìoghail ann am Banbh. Gu dearbh fhèin rinn sinn a' chuis air a' Bhruaich 4-0. Mu dheireadh thall thàinig an cupa dhachaigh. Balaich na County - air ais a-rithist!
Que Sera, Sera, Inbhir Nàrann gu bràth, gu bràth!


Bha Ronnie MacUilleim an lathair ann an 63 cuideachd!


Tuilleadh dealbhan an seo