Drochaid tarsainn Uisge Èire air an A939 eadar Inbhir Narann agus Baile nan Granndaich - 03/04/11


'S e coltas eagalach cunnartach a tha seo ach feumaidh na h-ùghdarrasan a bhith toilichte ris le cùisean sàbhailte gu leòr a' dh'aindeoin an sealladh seo. Tha trafaig fhathast a' dol tarsainn na drochaid seo fo smachd solais-trafaig. Gheibhear seann drochaidean eile ann an Sirrochd Nàrann ann an fìor droch stad agus leis an staing ionmhais a th' againn an dràsta cha fhaighear fuasgladh dhaibh uile ann an ùine nach bi fada nam bheachdsa.