Cor nan rathaidhean

Gu mì-fhortanach san fharsaingeachd chan eil mòran dòchas ann nam bheachd-sa agus chan ann an Inbhir Nàrann ach samhla air ciamar a tha cùisean air feadh na Gaidhealtachd. Tha an Riaghaltas air £15 muillean a ghealltainn do na h-ùghdarrasan ionadail gus leasachadh a thoirt air cùisean. Gheibh Comhairle na Gàidhealtachd £1.6 muillean as dèidh dhaibh h-uile sgillean de bhuidseat geamhradh nan rathaidean a chosgadh mu thràth.
Tha fhiosam nach eil e furasta coltas a dhèanamh eadar a leithid Siorrachd Lincoln ann an Sasainn agus Alba ach a-rèir am BBC tha iadsan a’ gearain gu bheil £300 muillean a dhìth orra gus na rathaidean a charadh gu ceart. A-nis ‘s e Siorrachd mhòr a th’ann an Lincoln le sluagh de 700,000 le grunn bailtean mòra agus pailteas rathaidean eadarra dìreach mar a tha moran sgìrean ann an Alba. Saoil dè a chosgadh e gus a h-uile toll a chur ceart ann an Alba? £1,000,000,000 ‘s dòcha? Saoilidh mi gum bi beachd aig na h-eòlaichean agus rudeigin na laighe air sgeilp air choireigin ann an Taigh an Ròid. Ciamar as urrainn do Alba fiù ‘s toiseach tòiseachaidh a chur air dòigh. Chan eil ach gainnead airgid agus gearraidh tro na cnaimh agus an uair sin tron smior air ar beulaibh. A bheil dòigh idir faighinn as an staing a tha seo? Bidh fèill mhòr air na Land Rovers agus 4x4 no dad sam bith le deagh suspension sna bliadhnaichean a tha romhainn, faodaidh tu a bhith cinnteach as.
Freagairtean:0
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh