An tèid TAIC chun a’ chladha gu socair sìtheil?

Seadh ‘s e suidheachadh truagh truagh th’ann don luchd-obrach, chan e a-mhàin am broinn TAIC ach gheibhear an dearbh rud ann an moran àiteachan eile ann an 2011. ‘S ann leis a roinn poblach an t-àite as fheàrr airson foghlam fo aois na sgoile a-rèir Niall thall an Fòram na Gàidhlig? Uill, feumaidh mi a radh aig an dearbh àm a tha seo tha Comhairle na Gaidhealtachd a’ cur mòran de na dleastanasan aca a-mach dhan roinn phrìobhaideach. Aon uair ’s gu bheil foghlaim Gàidhlig fo aois sgoil air a gabhail os làimh leotha de cho fad 's a dh’fhuiricheas e san roinn ud? Tha fiù ’s obair aig na CABs a’ dol a-mach don chùmhnant as saoire. Rudeigin eile a the ri fhaicinn, cha mhòr nach eil a’ Chomhairle ud tuiteam as a chèile leis na dùbhlain a tha romhpa. Leis a h-uile càil a tha a’ dol as an uinneig, saoil am bi Gàidhlig an rud as cudromach (fiù ‘s aig an cuid chomhairlichean taiceil) nuair a tha an luchd-bhotaidh a’ dèanamh ùpraid air a h-uile càil a tha a’ tachairt sna coimhearsnachdan aca? San t-suidheachadh chunnartach a tha seo b’ fheairrde leis a’ bhorg feitheamh gus am bi iad cinnteach gum bi fhathast comhairle air fhàgail san t-seagh a tha sin cleachdte ris.

Fionnlagh a’ gearain? Uill chan eil mise faicinn ach an t-Ollamh MacMhaoirn ceangailte ris an t-sanas-naidheachd a tha seo agus ‘s e sin duine nach robh mi eòlach gus an do leugh mi a bheachd. Saoil am bi feadhainn eile a’ dèanamh deiseil gus na sràidean digiteach a ghabhail orra? An tèid TAIC chun a’ chladha gu socair sìtheil no am bi guthan agus tàirneanach agus dealanach agus crith-thalmhainn na chois. Ann an ùine nach bi fada bidh sinn a’ faighinn a-mach de co làidir daingeann ‘s a tha freumhan TAIC agus ciamar a than a pàrantan agus luchd-iomairt aca faireachdainn mun chuis. Tha am Bòrd airson corp craoibhe uir a nòdachadh air na freumhan ud. An gabh na freumhan ris?

Aig a’ char as lugha ma dh’fhaoidte gur e cothrom a th’ann do Shoillse oileanach Phd eile fhastadh? Air sgath ’s gun robh an òraid aig Rob coir gu mòr air Mgr Fishman (agus feadhainn eile a rinn tuilleadh rannsachadh stèidhichte air obair Fishman) agus thathar a radh gu bheil Mgr Fishman air a chuid taic a leigeil do THAIC, ‘s e cothrom a tha sin beagan rannsachaidh a dhèanamh san am ri teachd air ciamar a chaidh cùisean as deidh a chaidh TAIC dhan t-sitig. ‘S e sin ri ràdh co a tha a’ toirt urram as motha do Fishman nuair a thig e gun h-aon ‘s gu dha, TAIC no am Bòrd?

Gheibhear tuilleadh aig Fòram na Gàidhlig

Freagairtean:2

Aig 12:04 thuirt Anonymous Aran Jones...

Hi - sorry to comment in English - I host TirnamBlog.com and I can't seem to get in touch with Don, who ran it. I've just moved over to a new server, and I needed to either close TirnamBlog or do a full move/update - I opted for the latter, and have tracked down and re-entered the few live blogs from the existing list.

But there aren't very many - and I wondered if you might be able to suggest some more? It seems a pity for TirnamBlog to be available but not to have anyone adding any new blogs in Gaidhlig to it...:-)

 
Aig 18:13 thuirt Blogger Graisg...

Great work Aran - I've sent a few through to you with my e-mail address too.

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh