Oraid Rab Dunbar - OGE - 14 Dùbhlachd 2010

Bha mi an làthair nuair a bha Rob Dunbar a’ lìbhrigeadh òraid an-dè. Saoilidh mi gur e prìomh amas a bh’aige eòlas air a roinn fhèin a chur air an fheadhainn eile ann an Oilthigh na Gaidhealtachd taobh a-muigh an roinn Ghàidhlig agus mar sin bhiodh e air a bhith nan naidheachdan inntinneachd dhaibh. Ge-tà‘s e seòrsa ‘meat and 2 veg’ a bh’ann nan robh beagan eòlais agad air cùisean mu thràth gu h-àraidh nuair a thig e gu iomradh air Fishman, Struball agus moran eile a tha ceangailte leis a’ ghnothaich. An robh 16.30 air feasgair Diluain an t-àm as freagarrach gus na Gaidheal ann an Inbhir Nis a’ tarraing dhan òraid? Chunnaic mi moran a bha ag obair làn-ùine ann an saoghal na Gàidhlig ach bha grunn àiteachan ban a dh’fhaodadh feadhainn eile air fhaighinn nan robh cothrom nas fhearr dhaibh nam bheachd-sa. ‘S e feasgar fuar a bh'ann air an taobh a-muigh ach aon uair ‘s gun robh mi am brionn prìomh oifis OGE bha e ro bhlàth nam bheachd-sa gus òraid uair gu leth cluinntinn ach dhan susbaint:

Mar a thuirt Rob air làrach OGE ro-làimh:

"Anns an òraid agam, thèid meòrachadh air na h-innealan teòiridheach a tha a’ buntainn ri poileasaidh agus planadh-cànain airson mhion-chànanan leithid a’ Ghàidhlig, air an fhiosrachadh air a bheil na h-innealan sin stèidhichte, agus air na feumannan agus na prìomhachasan-rannsachaidh a tha na h-innealan sin a thogail. An tèid aig teòiridh agus aig rannsachadh air leasachadh poileasaidh agus air cleachdadh a dh’ fhiosrachadh agus a chuideachadh ann an dòighean a leigeas leinn an ‘connsachadh cultair’ a sheachnadh?"

Saoilidh mi gur ann làidir a bha e air dè tha ag adhbharachd ‘connsachadh cultair’ ach caran lag air ciamar a thoghadh Soillse drochaidean eadar an da champa ach ‘s ann ag amas a tha e a bhith ag obair leis a’ choimhearsnachd san fhairsingeachd. 'S ann mar sin a tha cothrom dha iomairt caran diofraichte a chuir air dòigh agus ma sheachadas Soillse iomaigh Tùir Ìbhri àbhaisteachd, uill co aig a tha fios?

‘S ann nuair a bha a chuid fhaclan a’ tighinn gu crìch nuair a chuala mi beagan a bharrachd mu na prìomh amasan rannsachaidh Soillse. Anns na ceanglaichean dealbhan a leanas chi thu an teacsa sa bheurla far a bheil sin ga mhìneachadh – ged a chaidh an òraid ga lìbhrigeadh sa Ghàidhlig cha robh ach teacsa Beurla ri fhaighinn aig an aonad fàilte. Rinn mi clàradh ge-ta agus ma bhios e math gu leòr agus nochdas cothrom dhomh bheir mi sùil air agus cuiridh mi rudeigin an airde.

http://www.flickr.com/photos/61672546@N ... 9/sizes/l/
http://www.flickr.com/photos/61672546@N00/5261902957/