Roghainn cànain ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd.
Seo againn ceist annabarrach cudromach a chàirdean, nam bheachdsa ceist a tha fada nas cudromach na seiceachan gàidhlig (cha mhòr nach deach seiceachan às an rathad co-dhiù).
Gur math a thèid leis an strì a chuir am buidheann facebook air dòigh gus Gàidhlig faighinn air na h-innealan Markies. Leis a leithid innealan a tha seo tha sinn a’ toirt sùil air an am ri teachd. Seo na tha an t-ar-a-mach teicneolas a' toirt dhuinn. Chì sinn fada a bharrachd den leithid agus innealan eile a bhuaileas air a h-uile pàirt den bheatha àbhaisteach againn. Mura bheil àite don Ghàidhlig an luib an techneòlais ùr tha cunnart ann gun teid i a-mach a shealladh sa bheatha latheil san am ri teachd.
Bu choir do Art Cormaig còir a bhith bualadh air doras Markies cho luath ‘s ghabhas.

Freagairtean:2
Tha mi smaointinn gun do chuir thu do mheur air cnag na cuise an seo, a Ghraisg. Tha e deatamach gun teid fainear a thoirt air Gaidhlig a ghabhail a-steach anns an teicneolas ur tha seo.
'S e an fhirinn a th'agad a charaid. Tha teicneolais a' dol a chur crìoch air iomadh cànain bheaga mura dèan na luchd-labhairt strì son na còraichean aca fhèin.
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh