Diciadain 17mh den Dùbhlachd 2010

Tuilleadh bhon òraid Rab Dunbar

Thuirt Rob (thall an Facebook) gum bi an teacsa (an dà chuid Gàidhlig agus Beurla) a' nochdadh air Làrach OGE. San eadar-ama ge-tà seo criomag a chuala mise:

"...agus tha cuid de na sgoilearan againne air cliù eadar-nàiseanta air cosnadh mu thràth ach chan eil sin math gu leòr mur a bheil sinn a' cuideachadh ann an ath-leasachaidh na Gàidhlig. Aig deireadh an latha, a dh'aindeoin cho cudromach 's a tha RLS agus a dh'aindeoin cho cudromach 's a tha grantaichean agus duaisean rannsachaidh agus rudan eile, aig deireadh an latha ' s e Gàidhlig as cudromach agus as prìseile agus tha mi an dòchas gum tèid againne air ar cuid sgilean agus ar cuid eòlas a chur gu feum agus a' Gàidhlig a chur air adhart agus a' Ghàidhlig a chumail beò agus tha sinn a' coimhead air adhart ag obair le daoine, cha e dìreach leis na buidhnean ach le daoine sa choimhearsnachd gus seo a thoirt gu buil. "

'S e sin a tha fa-near dha a chàirdean, bhiodh Soillse na bèist caran diofraichte ma soirbheachas e leis a' choimhearsnachd, ma dh'fhaodte gu bheil fiù 's cothrom aig Rob coir drochaid a thogail eadar dà champa, drochaid a dh'fhaodadh moran eile leantainn. Chì sin dè thachras ach bidh e inntinneach a bhith leantainn Soillse agus an cuid obrach aig Rob agus a sgioba gu h-àraidh faighinn a-mach ciamar a tha e airson ‘connsachadh cultair’ a sheachnadh.