Londongael's photostream - cunntas flickr a tha air leth inntinneach

Thachair mi air na duilleagan facebook aig Londongael agus abair thusa gur làrach annabarach inntinneach a th'ann le grunn dealbhan air thema litreachas Gàidhlig. Seo aon de na dealbhan.
mosaic3

Rinn Londongael dealbh eile cuideach a thog m' ùidh gu mòr, dàn a rinn i bho thiotalan leabhraichean Gaidhlig. Chithear dealbhan eile air an duilleag a tha seo.

Freagairtean:2

Aig 15:43 thuirt Blogger Unknown...

Moran taing son a' bhrosnachaidh! Duilich, chan urrainn dhomh sracan a dheanamh air an inneal seo. 'S toil leam obair laimh-chiuird (crafts) is ealanta. Tha mi'n dochas gum bi daoine eile a' cleachdadh a' Ghaidhlig san doigh seo. Bithinn uabhasach toilichte ris am faicinn air Flickr!

Leis gach deagh dhurachd

Morag (Londongael)

 
Aig 16:54 thuirt Blogger Graisg...

'S e do bheatha Mhòrag agus mise an dòchas tuilleadh den chuid obrach faicinn air Flickr. 'S ann co-ionnan le dad sam bith a chunnaic mi aig taisbeanaidhean 'Gaelic arts' nam bheachd fhèin.
Gur math a thèid leat!

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh