Taigh-tasgaidh Inbhir Narann agus taibhse Dotair Grigor fhathast os a chionn?.
‘S ann an Taigh Viewfield a gheibh thu Taigh Tasgaidh Inbhir Narann agus mu thimchioll air chìthear parca lan craobhan sònraichte, feadhainn dhiubh a chaidh a chur nuair a thogadh an taigh ann an 1803. Ged nach eil e fada bho mheadhan a bhaile tha e air an taobh ceàrr den rathad trang A96. Mar sin ‘s ann aig iomall a tha e. Chan eil e furasda tarraing luchd-turais do mheadhan a' bhaile agus tha e nas miosa buileach airson an Taigh Tasgaidh le far a bheil e. Bidh muinntir an àite a phàigheadh trì notaichean gus faighinn a-steach agus tha mi eòlach air mòran nach do thill a riamh as dèidh a chiad turas na bhroinn.
B’ àbhaist don Taigh-tasgaidh a bhith air a’ Phrìomh Sràid suas gu 1948 mus do dh’imrich e gu Viewfield agus tha feadhainn sa bhaile làidir den bheachd gum bu choir dha tilleadh do theas mheadhain a’ choimhearsnachd. ‘S ann aig amas dhaibh breab a thoirt don Comhairle na Gaidhealtachd agus gan thilgeil a-mach as an Taigh-Cùirte do Viewfield agus an Taigh-tasgaidh a chur na h-àite le ionad Fàilte turasachadh na bhroinn. ‘S ann fo shealbh Comann Litreachas Inbhir Narann a tha an cruinneachadh Viewfield. Chaidh an comann ud a chur a bhog ann an 1875 le fear ris an canar “Doctor Grigor”. Bha buinteanas aige do dh’Eliginn agus a bharrachd air a bhith na leasaiche ‘s e sàr neach-gnothaich a bh’ann agus bhrosnaich e Inbhir Narann mar “Brighton a tuath”. ‘S ann mar sin a chaidh an sgìre “West End” a thogail mar seòrsa de Disneyland Bhictorianach don dhaoine beartach. Agus ‘s ann fo chultar ìompaireachd a bha sin a chaidh an Comann Litreachas agus an uair sin an taigh tasgaidh a stèidheachadh ann an 1888.
An diugh gheibh thu cruinneachadh Taigh-Tasgaidh Baile nan Iasgairean ann an Viewfield cuideachd. Bha dualchas nan Iasgairean ga thaisbeanadh fa leth shìos san sgìre sònraichte ud suas gu 2000 nuair a chaidh iad a-steach leis a’ Chomann Litreachas. Nuair a bha an cruinneachadh ud shìos aig an Laing Hall bha cothrom dhut bruidhinn le daoine le buinteanas do theaghlaichean a bha gu mòr an sàs de h-iasgach. Bha fhios aca gu mionaicheach bho seanairean agus seanmhairean, agus fiu 's feadhainn bho am phàrantan, de dìreach a bha a’ dol air adhart sa bheatha làitheil sa choimhearsnachd ud agus abair thusa gur e tobar fiosrachaidh agus beul-aithris a bh’ annta. Chaidh grunn leabhraichean a fhoillseachadh bhon eòlas a bh’ aca mus do dhùin an Taigh tasgaidh ann an 2000. Cha b’ urrainn dhaibh a chumail a dhol leis gu mi-fhortanach, ‘s e seann daoine a bh’ annta agus bha e dìreach cus orra cùisean a’ cumail a’ dol. A-nis ged a tha e fhathast inntinneach tha a h-uile càil bho smachd an Comann Litreachas agus ga chur ann an rum na phàirt den chruinne-cè mar a tha iadsan ga fhaicinn.
Carson a bha slochd nan Iasgair airson a chumail a dhol iad fhèin san stoidhle sin? Tha amharas agam nach robh iadsan faicinn an Comann Litreachas mar thosgairean den daoine cumanta agus gur ann an roinn sòisealta gu tur diofraichte a bha iad faicinn a’ chomainn litreachas. Nuair a smaoinicheas tu air cultar Inbhir Narann agus de seòrsa bhaile a th’ ann bidh moran a’ smaoineachadh air cultar nan Iasgair agus ciamar a bhualadh sin air a’ bhaile - sin agus an gnìomhachas turasachd. Chaidh taigh tasgaidh a chur air bhog ann an am Baile nan Iasgairean ann an 1978 agus cha mhòr nach robh e a sealltainn dhan t-saoghal roghainn eile an taca ris na tha ri fhaicinn aig Viewfield. Co-dhiù dè eile a th' ann an Viewfield?
Gheibhear rum armailteach. Thachair da bhlàr faisg air Inbhir Narann, Cùil Lodair agus Allt Eirinn agus thug an dà chuid buaidh mhòr air eachdraidh na h-Alba agus tha iad air an riochdachadh san roinn seo gu h-ìre mhath. An uair chìthear fiosrachadh air dithis a bhuannaich an VC agus èideadh na dha agus criomagan buntainn de chogaidhean ann an àiteachan ann an dùthchannan cèin fada ‘s farsaing far an robh muinntir a’ bhaile an làthair.
Tha da h-amas aig an ath rum-taisbeanaidh agus ‘s e sin ri sealltainn dhut eachdraidh àiteachas agus foghlaim anns an t-Siorrachd. Dè a bhuaileas ort? Faodaidh tu a bhith nad shuidhe ann an dasg mar a bha iad san t-seann aimsir. Rud feumail don ghinealach as ùr ‘s docha nuair a smaoinicheas tu air ciamar a chaidh dasgan den leithid as an rathad nar linne. Co-dhiù ‘s e rud caran dàna a th’ ann gus cuspairean cho farsaing a chur san aon rum beag.
An uair sin bidh thusa san rum a tha sealltainn dhut eachdraidh an “Royal Burgh”, na daoine a chur cruth air , gu h-àraidh na Probhaistean (Dr Grigor nam measg). Faodaidh tu an eassaidhean easan bàn fhaicinn ach chan eil an t-seann slabhraidh nam Probhaist. Bhris am fear ùr am bliadhna agus a-nis bidh e a’ crochadh mu h-amhaich am Probhaist co-aimsireil againn. ‘S e rud math a th’ nn gu bheil an tiotal an “Royal Burgh” ga h-aithneachadh ann a sheo. Chan eil Comhairle na Gaidhealtachd buailteach a bhith cleachdadh e nuair a rinn iad iomradh air Inbhir Narann. ‘S ann le Uaird 19 a tha iadsan a dhol sna làithean seo.
Faodaidh tu ìomhaigh umha mhòr Dotair Grigor fhaicinn taobh a muigh Viewfield agus tha ìoronais ann nuair a smaoinicheas tu gur aig ceann a’ Phriomh Sràid a bha esan suas gu 1950. Dh’imrich esan gu Viewfield beagan as deidh an Taigh Tasgaidh fhèin. An e taigh tasgaidh soirbhicheil a th’ ann an viewfield? Saoilidh mi gu bheil ma tha sinn a’ toirt urraim do na h-amasan a bh’ aig an Dotair. Mar sin, seachad air a’ leigeil a-steach dualchas nan Iasgairean, ‘s ann gu math dlùth a tha iad gus a bhith taisbeanadh an sgìre tron feallsanachd agus cultar a bha làidir ann an 1888. Ann an dòigh tha e na thaisbeanadh don dòigh a bha an sgìre ga riaghladh mar phàirt den Ìompaireachd agus ciamar a fhuair feallsanachd Grigor agus a chuid chàirdean làimh an uachdar air cultair a’ bhaile.
An dràsta fhèin tha faileas Dotair Grigor fhathast a’ tuiteam air a’ ghnothaich ach san am ri teachd? Uill ‘s ann fo shealbh Comhairle na Gaidhealtachd a tha Viewfield agus ‘s ann air èiginn a tha iadsan a’ toirt taic-airgid don taigh tasgaidh. Chan eil moran den òigridh a’ gabhail gnothaich leis an Comann Litreachais nas motha agus mar sin dh’fhaodadh e dol a bhith. Am biodh sin na rud math or dona? As a dheidh am faodadh buidheann eile soilleireachadh ùr a chur air a’ chruinneachadh agus beachdan eile a thoirt seachad air na nìthhean na bhroinn, a’ taisbeanadh sealladh eile den sgeulachd a thug Inbhir Narann far a bheil e an-diugh?
Freagairtean:0
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh