Cli Beurla?
Sgrìobh caraid (neach-ionnsachaidh dìcheallach) gu Cli.'S e post-dealain sa Ghàidhlig a bh'ann agus cha robh e foirfe ach ghabhadh a thuigsinn gu math. Co-dhiù thàinig freagairt sa bheurla. 'S e briseadh-dùil a bh'ann don neach-ionnsachaidh. Mur a bheil Cli airson freagairt a sgrìobhadh sa Ghàidhlig do p-d sa Ghàidhlig carson a tha iad ann?
Freagairtean:2
Tha mi a' tuigsinn a' bhriseaidh-dùil sin fiù 's ged a bha adhbhar sam bith aig Cli. Tha mi a' dol leibh. B' fhèarr do Cli freagairt a sgrìobhadh sa Ghàidhlig.
Thachair an aon rud riumsa mar chuideigin a bha air an liosta de thidsearan aca. Dh'fhag an duine teachdaireachd dhomh feuch am b'urrainn dhomh teagaisg aig aon de na cursaichean a bh'ad a' cur air doigh. Bha a h-uile cail sa Bheurla. Be seo 'native speaker' a' conaltradh ri tidsear na Gàidhlig sa Bheurla. Annasach.
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh